Ach thubhairt an Tighearna ris, Imich; oir is soitheach taghte dhòmhsa e, a‑chum m’ainm a ghiùlan am fianais nan Cinneach, agus rìghrean, agus chloinn Israeil.
A‑chum an d’òrdaicheadh mise am shearmonaiche, agus am abstol (tha mi a’ labhairt na fìrinn ann an Crìosd, chan eil mi a’ dèanamh brèige), am fhear-teagaisg nan Cinneach ann an creideamh agus ann am fìrinn.