Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 9:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin ghairm an rìgh air Siba, òglach Shauil, agus thubhairt e ris, Gach nì a bhuineadh do Shaul, agus da thaigh uile, thug mi do mhac do mhaighistir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an rìgh, Agus càit a bheil mac do mhaighistir? Agus thubhairt Siba ris an rìgh, Feuch, tha e a’ fantainn ann an Ierusalem: oir thubhairt e, An‑diugh aisigidh taigh Israeil dhòmhsa rìoghachd m’athar.

An sin thubhairt an rìgh ri Siba, Feuch, is leatsa gach nì a bha aig Mephiboset. Agus thubhairt Siba, Tha mi le mòr-ùmhlachd a’ guidhe ort gum faigh mi deagh-ghean ad shùilean, a thighearna, a rìgh.

Agus thubhairt an rìgh ris, Carson a labhras tu nas mò mud ghnothaichean? Thubhairt mise, Roinnidh tusa agus Siba am fearann.

Agus thubhairt Mephiboset ris an rìgh, Is eadh, gabhadh e an t‑iomlan, o thàinig mo thighearna an rìgh a‑rìs ann an sìth da thaigh fhèin.

Ach dealbhaidh an duine fial nithean fiala; agus le nithean fiala daingnichear e.

Agus bha duine de Bheniàmin dom b’ainm Cis, mac Abieil, mhic Sheroir, mhic Bhechorait, mhic Aphiah, Beniàmineach, duine treun ann an neart.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan