Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 9:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chrom e e fhèin, agus thubhairt e, Cò e do sheirbhiseach, gun amhairceadh tusa air cù marbh, cosmhail riumsa?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Abisai mac Sheruiah ris an rìgh, Carson a mhallaicheadh an cù marbh seo mo thighearna, an rìgh? Leig dhomh dol a‑null, guidheam ort, agus a cheann a thoirt dheth.

Agus thubhairt Daibhidh ri Gad, Tha mi ann an teinn mhòir: tuiteamaid a‑nis ann an làimh an Tighearna, oir is lìonmhor a thròcairean, ach ann an làimh duine na tuiteam.

An sin bha fearg mhòr air Abner airson briathran Isboseit, agus thubhairt e, An ceann coin mise, a bhuineas do Iùdah? Tha mi a’ nochdadh coibhneis an‑diugh do thaigh Shauil, d’athair, da bhràithrean, agus da chàirdean, agus cha tug mi thairis thusa do làimh Dhaibhidh; gidheadh tha thusa a’ cur coire as mo leth an‑diugh a‑thaobh na mnà seo.

Agus thubhairt Hasael, Ach ciod, an cù do sheirbhiseach, gun dèanadh e an nì mòr seo? Agus fhreagair Elisa, Nochd an Tighearna dhòmhsa gum bi thu ad rìgh air Siria.

A‑nis, matà, na tuiteadh m’fhuil a dh’ionnsaigh na talmhainn ann am fianais an Tighearna; oir thàinig rìgh Israeil a‑mach a dh’iarraidh deargainne, mar a ruaigeas fear cearc-choille anns na beanntan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan