Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 9:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Daibhidh ris, Na biodh eagal ort; oir gu cinnteach nochdaidh mise dhut coibhneas airson d’athar Ionatan, agus aisigidh mi dhut uile fhearann d’athar Saul, agus ithidh tu aran aig mo bhòrd-sa an còmhnaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Agus bha eagal air na daoine, a chionn gun tugadh iad do thaigh Iòseiph, agus thubhairt iad, Is ann airson an airgid, a chuireadh air ais nar saic a’ chiad uair, a thugadh a‑steach sinn; a‑chum gum faigh e cion-fàth nar n‑aghaidh, agus gun tuit e oirnn, agus gun gabh e sinn mar thràillean, agus ar n‑asail.

Agus thubhairt e, Sìth gu robh dhuibh, na biodh eagal oirbh: thug ur Dia fhèin agus Dia ur n‑athar ionmhas dhuibh nur saic: fhuair mise ur n‑airgead. Agus thug e Simeon a‑mach dan ionnsaigh.

Agus thug mi dhut taigh do mhaighistir, agus mnathan do mhaighistir ann ad uchd, agus thug mi dhut taigh Israeil agus Iùdah; agus nam bu bheag sin, bheirinn dhut cuideachd an leithid seo agus an leithid siud de nithean.

Oir cha robh teaghlach m’athar uile ach nan daoine marbha am fianais mo thighearna an rìgh; gidheadh chuir thu do sheirbhiseach nam measg-san a dh’ith aig do bhòrd fhèin: ciod matà a’ chòir a tha agamsa tuilleadh air glaodhaich nas mò ris an rìgh?

Agus thubhairt an rìgh ris, Carson a labhras tu nas mò mud ghnothaichean? Thubhairt mise, Roinnidh tusa agus Siba am fearann.

Agus thubhairt an rìgh ri Barsillai, Thig-sa thairis maille rium, agus beathachidh mi thu maille rium fhèin ann an Ierusalem.

Ach chaomhain an rìgh Mephiboset mac Ionatain mhic Shauil, airson mionnan an Tighearna, a bha eatorra, eadar Daibhidh agus Ionatan mac Shauil.

Agus thubhairt Daibhidh, A bheil fhathast neach air bith a dh’fhàgadh de thaigh Shauil, a‑chum gun nochd mi dha coibhneas airson Ionatain?

Agus treabhaidh tusa am fearann air a shon, thu fhèin, agus do mhic, agus do sheirbhisich, agus bheir thu a‑steach an toradh a‑chum gum bi biadh aig mac do mhaighistir a dh’itheas e: ach ithidh Mephiboset, mac do mhaighistir, aran an còmhnaidh air mo bhòrd-sa. A‑nis bha aig Siba còig-mic-dheug agus fichead seirbhiseach.

An sin thubhairt Siba ris an rìgh, A rèir gach nì a dh’àithn mo thighearna an rìgh da sheirbhiseach, mar sin nì do sheirbhiseach: a‑thaobh Mhephiboset, ithidh esan aig a bhòrd-san, mar aon de mhic an rìgh.

Agus chòmhnaich Mephiboset ann an Ierusalem; oir dh’ith e an còmhnaidh aig bòrd an rìgh: agus bha e bacach air a dhà chois.

Agus thubhairt an rìgh, Nach eil fhathast neach air bith de thaigh Shauil, a‑chum gun nochd mi dha coibhneas Dhè? Agus thubhairt Siba ris an rìgh, Tha fhathast mac aig Ionatan a tha bacach.

Ach nochd coibhneas do mhic Bharsillai, an Gileadach, agus biodh iad am measg an dream a dh’itheas aig do bhòrd; oir is ann mar seo a thàinig iad am ionnsaigh-sa nuair a theich mi ro Absalom do bhràthair.

Agus mhùth e a aodach-prìosain; agus dh’ith e aran a‑ghnàth na làthair rè uile làithean a bheatha.

Eadhon fear mo shìth as an d’earb mi, esan a dh’ith dem aran, thog e a shàil am aghaidh.

Agus dh’atharraich e a chulaidh-phrìosain: agus dh’ith e aran na fhianais a ghnàth, fad uile làithean a bheatha.

Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Cuiribh an gnìomh ceart-bhreitheanas, agus nochdaibh tròcair agus iochd, gach duine da bhràthair:

Tabhair dhuinn an‑diugh ar n‑aran làitheil.

A‑chum gun ith agus gun òl sibh aig mo bhòrd-sa ann am rìoghachd, agus gun suidh sibh air cathraichean rìoghail, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.

Feuch, tha mi am sheasamh aig an doras, agus a’ bualadh: ma dh’èisdeas neach sam bith rim ghuth, agus gum fosgail e an doras, thig mi a‑steach da ionnsaigh, agus gabhaidh mi mo shuipear maille ris, agus esan maille riumsa.

A‑mhàin biodh eagal an Tighearna oirbh, agus dèanaibh seirbhis dha ann am fìrinn le ur n‑uile chridhe: oir faicibh cia mòr na nithean a rinn e air ur son.

Ach cuideachd cha gheàrr thu as do choibhneas om thaigh gu bràth: cha gheàrr, eadhon nuair a ghearras an Tighearna as naimhdean Dhaibhidh, gach aon dhiubh bhàrr aghaidh na talmhainn.

Fan thusa maille riumsa; na biodh eagal ort: oir esan a dh’iarras m’anam-sa iarraidh e d’anam-sa: ach maille riumsa bidh tu fo dhìdean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan