Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 9:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis nuair a thàinig Mephiboset, mac Ionatain, mac Shauil, a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, thuit e air aghaidh, agus rinn e ùmhlachd. Agus thubhairt Daibhidh, A Mhephiboset! Agus fhreagair esan, Feuch, do sheirbhiseach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha triùir dhaoine a’ seasamh làimh ris: agus nuair a chunnaic e iad, ruith e nan coinneamh o dhoras a bhùtha, agus chrom e e fhèin gu làr.

Agus chaidh e fhèin air aghaidh romhpa, agus chrom e e fhèin gu làr seachd uairean, gus an tàinig e dlùth da bhràthair.

Agus nuair a dh’amhairc e na dhèidh, chunnaic e mise, agus ghairm e orm: agus fhreagair mi, Tha mi an seo.

An sin thubhairt an rìgh ri Siba, Feuch, is leatsa gach nì a bha aig Mephiboset. Agus thubhairt Siba, Tha mi le mòr-ùmhlachd a’ guidhe ort gum faigh mi deagh-ghean ad shùilean, a thighearna, a rìgh.

Ach chaomhain an rìgh Mephiboset mac Ionatain mhic Shauil, airson mionnan an Tighearna, a bha eatorra, eadar Daibhidh agus Ionatan mac Shauil.

Agus bha aig Ionatan mac Shauil mac a bha bacach, agus a bha còig bliadhna a dh’aois nuair a thàinig an sgeul mu Shaul agus Ionatan à Iesreel; agus thog a bhanaltram leatha e, agus theich i: agus nuair a rinn i cabhag gu teicheadh, thuit esan, agus rinneadh bacach e; agus b’e a ainm Mephiboset.

Agus chuir rìgh Daibhidh fios air, agus thug e e à taigh Mhachir, mac Amieil, o Lo‑debar.

Agus b’e mac Ionatain Merib-bàal; agus Merib-bàal Micah.

Agus b’e mac Ionatain Merib-bàal; agus ghin Merib-bàal Micah.

Agus cho luath is a dh’fhalbh an t‑òganach, dh’èirich Daibhidh à àite mu dheas, agus thuit e air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus chrom e e fhèin trì uairean: agus phòg iad a chèile, agus ghuil iad le chèile; ach ghuil Daibhidh na bu mhò.

Agus nuair a chunnaic Abigail Daibhidh, rinn i cabhag agus theirinn i bhàrr na h‑asail, agus thuit i sìos air a h‑aghaidh am fianais Dhaibhidh, agus chrom i i fhèin gu làr,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan