Agus thubhairt an rìgh ris, Càit a bheil e? Agus thubhairt Siba ris an rìgh, Feuch, tha e ann an taigh Mhachir, mac Amieil, ann an Lo‑debar.
Agus chunnaic Iòseph clann Ephraim, den treas ginealach: thogadh suas mar an ceudna clann Mhachir mhic Mhanaseh air glùinean Iòseiph.
Agus chuir rìgh Daibhidh fios air, agus thug e e à taigh Mhachir, mac Amieil, o Lo‑debar.
Sibhse a tha ri gàirdeachas ann an nì as neoni; a tha ag ràdh, Nach do ghabh sinn dar n‑ionnsaigh uachdaranachd le ar neart fhèin?