Agus thubhairt an rìgh, Nach eil fhathast neach air bith de thaigh Shauil, a‑chum gun nochd mi dha coibhneas Dhè? Agus thubhairt Siba ris an rìgh, Tha fhathast mac aig Ionatan a tha bacach.
Agus fhreagair esan, A thighearna, a rìgh, mheall mo sheirbhiseach mi: oir thubhairt do sheirbhiseach, Cuiridh mi dìollaid dhomh fhèin air asail, agus marcaichidh mi oirre, agus thèid mi a dh’ionnsaigh an rìgh, a chionn gu bheil do sheirbhiseach bacach.
Agus chùl-chàin esan do sheirbhiseach rim thighearna an rìgh; ach tha mo thighearna an rìgh mar aingeal Dhè: dèan uime sin an nì sin a tha math ad shùilean.
Agus bha aig Ionatan mac Shauil mac a bha bacach, agus a bha còig bliadhna a dh’aois nuair a thàinig an sgeul mu Shaul agus Ionatan à Iesreel; agus thog a bhanaltram leatha e, agus theich i: agus nuair a rinn i cabhag gu teicheadh, thuit esan, agus rinneadh bacach e; agus b’e a ainm Mephiboset.
Agus thubhairt Daibhidh ris, Na biodh eagal ort; oir gu cinnteach nochdaidh mise dhut coibhneas airson d’athar Ionatan, agus aisigidh mi dhut uile fhearann d’athar Saul, agus ithidh tu aran aig mo bhòrd-sa an còmhnaidh.
A‑mhàin bha tlachd aig an Tighearna ann ad athraichean gu an gràdhachadh, agus thagh e an sliochd nan dèidh, eadhon sibhse os cionn gach sluaigh, mar air an là‑an‑diugh.
Agus a chionn gun do ghràdhaich e d’athraichean, uime sin thagh e an sliochd nan dèidh, agus thug e thusa a‑mach na shealladh, le a chumhachd mòr, as an Eiphit;