Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 9:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chòmhnaich Mephiboset ann an Ierusalem; oir dh’ith e an còmhnaidh aig bòrd an rìgh: agus bha e bacach air a dhà chois.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus chùl-chàin esan do sheirbhiseach rim thighearna an rìgh; ach tha mo thighearna an rìgh mar aingeal Dhè: dèan uime sin an nì sin a tha math ad shùilean.

Agus bha aig Ionatan mac Shauil mac a bha bacach, agus a bha còig bliadhna a dh’aois nuair a thàinig an sgeul mu Shaul agus Ionatan à Iesreel; agus thog a bhanaltram leatha e, agus theich i: agus nuair a rinn i cabhag gu teicheadh, thuit esan, agus rinneadh bacach e; agus b’e a ainm Mephiboset.

Agus bha aig Mephiboset mac òg dom b’ainm Micah: agus bha iadsan uile a ghabh còmhnaidh ann an taigh Shiba nan seirbhisich do Mhephiboset.

Agus thubhairt an rìgh, Nach eil fhathast neach air bith de thaigh Shauil, a‑chum gun nochd mi dha coibhneas Dhè? Agus thubhairt Siba ris an rìgh, Tha fhathast mac aig Ionatan a tha bacach.

Agus thubhairt Daibhidh ris, Na biodh eagal ort; oir gu cinnteach nochdaidh mise dhut coibhneas airson d’athar Ionatan, agus aisigidh mi dhut uile fhearann d’athar Saul, agus ithidh tu aran aig mo bhòrd-sa an còmhnaidh.

Agus dh’atharraich e a chulaidh-phrìosain: agus dh’ith e aran na fhianais a ghnàth, fad uile làithean a bheatha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan