Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 9:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus treabhaidh tusa am fearann air a shon, thu fhèin, agus do mhic, agus do sheirbhisich, agus bheir thu a‑steach an toradh a‑chum gum bi biadh aig mac do mhaighistir a dh’itheas e: ach ithidh Mephiboset, mac do mhaighistir, aran an còmhnaidh air mo bhòrd-sa. A‑nis bha aig Siba còig-mic-dheug agus fichead seirbhiseach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an rìgh, Agus càit a bheil mac do mhaighistir? Agus thubhairt Siba ris an rìgh, Feuch, tha e a’ fantainn ann an Ierusalem: oir thubhairt e, An‑diugh aisigidh taigh Israeil dhòmhsa rìoghachd m’athar.

Agus chaidh bàt’-aisig a‑null a thoirt teaghlach an rìgh thairis, agus a dhèanamh an nì a bu mhath leis. Agus thuit Simei mac Ghera sìos am fianais an rìgh, nuair a thàinig e thar Iòrdan;

Oir cha robh teaghlach m’athar uile ach nan daoine marbha am fianais mo thighearna an rìgh; gidheadh chuir thu do sheirbhiseach nam measg-san a dh’ith aig do bhòrd fhèin: ciod matà a’ chòir a tha agamsa tuilleadh air glaodhaich nas mò ris an rìgh?

Ach chaomhain an rìgh Mephiboset mac Ionatain mhic Shauil, airson mionnan an Tighearna, a bha eatorra, eadar Daibhidh agus Ionatan mac Shauil.

Agus thubhairt Daibhidh ris, Na biodh eagal ort; oir gu cinnteach nochdaidh mise dhut coibhneas airson d’athar Ionatan, agus aisigidh mi dhut uile fhearann d’athar Saul, agus ithidh tu aran aig mo bhòrd-sa an còmhnaidh.

Ach nochd coibhneas do mhic Bharsillai, an Gileadach, agus biodh iad am measg an dream a dh’itheas aig do bhòrd; oir is ann mar seo a thàinig iad am ionnsaigh-sa nuair a theich mi ro Absalom do bhràthair.

Agus mhùth e a aodach-prìosain; agus dh’ith e aran a‑ghnàth na làthair rè uile làithean a bheatha.

Agus airson a lòin làitheil, thugadh dha o rìgh Bhàbiloin gach aon là cuibhreann gu là a bhàis, fad uile làithean a bheatha.

Agus nuair a chuala aon de na shuidh maille ris air bòrd na nithean sin, thubhairt e ris, Is beannaichte an tì sin a dh’itheas aran ann an rìoghachd Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan