Tha cràdh orm air do shon, mo bhràthair, a Ionatain: ro‑thaitneach bha thu dhòmhsa: b’iongantach do ghràdh dhòmhsa, a’ toirt barrachd air gràdh nam ban.
Agus thubhairt Daibhidh ris, Na biodh eagal ort; oir gu cinnteach nochdaidh mise dhut coibhneas airson d’athar Ionatan, agus aisigidh mi dhut uile fhearann d’athar Saul, agus ithidh tu aran aig mo bhòrd-sa an còmhnaidh.
Ach nochd coibhneas do mhic Bharsillai, an Gileadach, agus biodh iad am measg an dream a dh’itheas aig do bhòrd; oir is ann mar seo a thàinig iad am ionnsaigh-sa nuair a theich mi ro Absalom do bhràthair.
Na trèig do charaid fhèin, no caraid d’athar, agus na rach a‑steach do thaigh do bhràthar ann an là d’àmhghair: is fheàrr coimhearsnach am fagas na bràthair fad as.
Agus ge bè a bheir cupan de uisge fuar a‑mhàin ra òl do aon den mhuinntir bhig seo, an ainm deisciobail, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e air chor sam bith a dhuais.
Agus freagraidh an Rìgh, agus their e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is gun do rinn sibh e do aon de na bràithrean as lugha agamsa, rinn sibh dhòmhsa e.
Agus thubhairt Ionatan ri Daibhidh, Imich an sìth, do bhrìgh gun do mhionnaich sinn le chèile ann an ainm an Tighearna, ag ràdh, Gu robh an Tighearna eadar mise agus thusa, agus eadar mo shliochd-sa agus do shliochd-sa gu bràth. Agus dh’èirich e agus dh’imich e: agus chaidh Ionatan don bhaile.