Agus o Thibat agus o Chun, bailtean Hadareseir, thug Daibhidh ro‑mhòran umha, leis an do rinn Solamh an fhairge umha, agus na puist, agus na soithichean umha.
A‑nis, feuch, ann am theanntachd dh’ullaich mise fa chomhair taigh an Tighearna ceud mìle tàlann òir, agus mìle de mhìltean tàlann airgid, agus de umha agus de iarann gun tomhas (oir tha ro‑phailteas ann): fiodh mar an ceudna agus clachan dh’ullaich mi; ach faodaidh tusa cur riu.
Agus thug iad seachad fa chomhair seirbhis taigh Dhè, de òr còig mìle tàlann agus deich mìle darcon, agus de airgead deich mìle tàlann, agus de umha ochd-mìle-deug tàlann, agus ceud mìle tàlann iarainn.