Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 8:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bhuail Daibhidh mar an ceudna Hadadeser mac Rehoib, rìgh Shobah, nuair a chaidh e a chosnadh a chrìche air a h‑ais aig abhainn Euphràtes.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Air an là sin fhèin rinn an Tighearna coicheangal ri Abram, ag ràdh, Dod shliochd-sa thug mi am fearann seo, o abhainn na h‑Eiphit gu ruig an abhainn mhòr, abhainn Euphràtes:

Agus nuair a chunnaic na Sirianaich gun do bhuaileadh iad ro Israel, chruinnich iad iad fhèin an ceann a chèile.

Agus chuir Hadadeser fios uaithe, agus thug e a‑mach na Sirianaich a bha air an taobh thall den abhainn, agus thàinig iad gu Helam; agus chaidh Sobach, ceannard armailt Hadareseir, romhpa.

Agus nuair a chunnaic na rìghrean uile, a bha nan seirbhisich aig Hadareser, gun do bhuaileadh iad ro Israel, rinn iad sìth ri Israel, agus rinn iad seirbhis dhaibh. Agus bha eagal air na Sirianaich còmhnadh a dhèanamh tuilleadh ri cloinn Amoin.

Agus nuair a chunnaic clann Amoin gu robh iad gràineil am fianais Dhaibhidh, chuir clann Amoin teachdairean uapa, agus thuarasdalaich iad Sirianaich Bhet-rehoib, agus Sirianaich Shoba, fichead mìle coisiche, agus o rìgh Mhaacah mìle fear, agus o Istob dà‑mhìle-dheug fear.

Igal mac Natain o Shobah, Bani an Gadach,

Agus rìghich Solamh os cionn nan rìoghachdan uile, on abhainn gu tìr nam Philisteach, agus gu ruig crìoch na h‑Eiphit: thug iad leo tìodhlacan, agus rinn iad seirbhis do Sholamh rè uile làithean a bheatha.

Agus bhuail Daibhidh Hadareser rìgh Shobah gu ruig Hamat, nuair a chaidh e a dhaingneachadh a thighearnais aig abhainn Euphràtes.

Agus chaidh Solamh gu Hamat-sobah, agus thug e buaidh air.

A Dhè, thilg thu uat sinn, sgap thu sinn, bha fearg ort. O till thusa rinn!

Agus bidh uachdaranachd aige o fhairge gu fairge, agus on abhainn gu ruig crìochan na talmhainn.

Agus suidhichidh mi do chrìochan on mhuir ruaidh eadhon gu ruig fairge nam Philisteach, agus on fhàsach gu ruig an abhainn: oir bheir mi thairis nur làimh luchd-àiteachaidh na tìre; agus tilgidh tu a‑mach iad as do làthair.

Gach àit air an saltair buinn ur cas, is leibhse: on fhàsach, agus Lebanon, on abhainn, an abhainn Euphràtes, eadhon gus an fhairge as fhaide a‑mach, bidh ur crìoch.

Agus ghabh Saul an rìoghachd os cionn Israeil, agus chog e air gach làimh an aghaidh a naimhdean gu lèir, an aghaidh Mhòaib, agus an aghaidh chloinn Amoin, agus an aghaidh Edoim, agus an aghaidh rìghrean Shobah, agus an aghaidh nam Philisteach: agus ge bè taobh a thionndaidh e, chlaoidh e iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan