Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 8:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bhuail e na Mòabaich, agus thomhais e iad le còrd, gan tilgeadh sìos gu làr: eadhon le dà chòrd thomhais e a thabhairt bàis, agus le aon chòrd iomlan a ghleidheadh beò. Agus bha na Mòabaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tìodhlacan leo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus thug e a‑mach an sluagh a bha ann, agus chuir e iad fo shàbhan, agus fo innealan-bualaidh iarainn, agus fo thuaghan iarainn, agus thug e orra dol tro àth nan clachan-creadha; agus mar seo rinn e ri uile bhailtean chloinn Amoin. Agus thill Daibhidh agus an sluagh uile gu Ierusalem.

An sin chuir Daibhidh freiceadain ann an Siria Dhamascais: agus bha na Sirianaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad leo tìodhlacan: agus ghlèidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e.

Agus rìghich Solamh os cionn nan rìoghachdan uile, on abhainn gu tìr nam Philisteach, agus gu ruig crìoch na h‑Eiphit: thug iad leo tìodhlacan, agus rinn iad seirbhis do Sholamh rè uile làithean a bheatha.

Agus rinn Mòab ceannairc an aghaidh Israeil an dèidh bàs Ahaib.

Na aghaidh-san thàinig a‑nìos Salmaneser rìgh Asiria; agus bha Hosèah na sheirbhiseach aige, agus thug e tìodhlac dha.

Agus bhuail e Mòab; agus bha na Mòabaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tabhartasan leo.

Agus thug na h‑Amonaich tìodhlacan do Udsiah; agus chaidh a ainm a‑mach gu ruig dol a‑steach na h‑Eiphit, oir dh’fhàs e ro‑chumhachdach.

Is e Mòab mo shoitheach-ionnlaid; os cionn Edoim tilgidh mi mo bhròg; thar Palestin nì mi caithreim.

Seargaidh coigrich as, agus bidh eagal orra a‑mach as an àitean-daingeann.

Nach tusa, a Dhè, thusa a thilg uat sinn, agus nach deachaidh a‑mach, a Dhè, maille ri ar n‑armailtean?

Is e Mòab mo shoitheach-ionnlaid; os cionn Edoim tilgidh mi mo bhròg; thar Pailistin nì mi caithreim.

Pàilleanan Edoim agus na h‑Ismaelich, Mòab agus na Hàgaraich,

Na èisdibh ri Heseciah; oir mar seo deir rìgh Asiria, Dèanaibh coicheangal riumsa le tìodhlac, agus thigibh am ionnsaigh; agus itheadh gach fear de a chrann-fìona, agus gach fear de a chrann-fìge fhèin; agus òladh gach fear uisge a thobair fhèin;

Chì mi e, ach chan ann a‑nis; amhaircidh mi air, ach chan ann am fagas: thig reul a‑mach à Iàcob, agus èiridh slat rìoghail à Israel, agus buailidh i oisnean Mhòaib, agus cuiridh i as do chloinn Shet uile.

Ach thubhairt mic Bheliail, Cionnas a shaoras am fear seo sinn? Agus rinn iad dìmeas air, agus cha tug iad tìodhlac sam bith da ionnsaigh: ach dh’fhan esan na thosd.

Agus ghabh Saul an rìoghachd os cionn Israeil, agus chog e air gach làimh an aghaidh a naimhdean gu lèir, an aghaidh Mhòaib, agus an aghaidh chloinn Amoin, agus an aghaidh Edoim, agus an aghaidh rìghrean Shobah, agus an aghaidh nam Philisteach: agus ge bè taobh a thionndaidh e, chlaoidh e iad.

Agus chaidh Daibhidh as a sin gu Mispeh Mhòaib, agus thubhairt e ri rìgh Mhòaib, Thigeadh, guidheam ort, m’athair agus mo mhàthair a‑mach, agus biodh iad maille ribh, gus am bi fhios agam ciod a nì Dia air mo shon.

Agus thug e iad am fianais rìgh Mhòaib; agus dh’fhan iad maille ris rè nan làithean uile a bha Daibhidh ann an daingneach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan