Agus, feuch, bha Sadoc mar an ceudna, agus na Lèbhithich uile maille ris, a’ giùlan àirc coicheangal Dhè, agus shuidhich iad àirc Dhè: agus chaidh Abiatar suas, gus an do sguir an sluagh uile de dhol a‑mach as a’ bhaile.
An sin thubhairt Husai ri Sadoc agus ri Abiatar na sagartan, Mar seo agus mar seo chomhairlich Ahitophel Absalom agus seanairean Israeil; agus mar seo agus mar seo chomhairlich mise.
Agus nuair a chunnaic iad gu robh mòran airgid anns a’ chiste, chaidh sgrìobhaiche an rìgh suas, agus an t‑àrd shagart, agus cheangail iad suas, agus ghabh iad suim an airgid a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna.
Agus nuair a dh’èigh iad ris an rìgh, thàinig a‑mach dan ionnsaigh Eliacim mac Hilciah, a bha os cionn an teaghlaich, agus Sebna an sgrìobhaiche, agus Iòas mac Asaiph an seanchaidh.
A dh’ìobradh ìobairtean-loisgte don Tighearna air altair na h‑ìobairt-loisgte a‑ghnàth, anns a’ mhadainn agus anns an fheasgar, agus a dhèanamh a rèir gach nì a tha sgrìobhte ann an lagh an Tighearna, a dh’àithn e do Israel:
An sin leugh Baruch anns an leabhar briathran Ieremiah ann an taigh an Tighearna, ann an seòmar Ghemiriah mhic Shaphain an sgrìobhaiche, anns a’ chùirt uachdaraich, aig dol a‑steach geata nuadh taigh an Tighearna, ann an èisdeachd an t‑sluaigh uile.
Ach na sagartan, na Lèbhithich, mic Shadoic, a choimhead cùram m’ionaid naoimh, nuair a chaidh clann Israeil air seachran uam, thig iadsan dlùth dhomh, a‑chum frithealadh dhomh, agus seasaidh iad ann am fhianais a dh’ìobradh dhomh na saill agus na fala, deir an Tighearna Iehòbhah:
Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè ann an làithean Abiatair an t‑àrd-shagart, agus a dh’ith e aran na fianais, nach eil ceadaichte do neach air bith ithe, ach do na sagartan, agus a thug e, mar an ceudna, don dream a bha maille ris?