Agus chuir Abner teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh na àite fhèin, ag ràdh, Cia leis an tìr? Ag ràdh mar an ceudna, Dèan do choicheangal riumsa, agus, feuch, bidh mo làmh leat, gu Israel uile a thionndadh ad ionnsaigh.
Ann an Hebron rìghich e os cionn Iùdah seachd bliadhna agus sia mìosan; agus ann an Ierusalem rìghich e trì-bliadhna-deug ar fhichead os cionn Israeil uile agus Iùdah.
Agus chuir e freiceadain ann an Edom: air feadh Edoim uile chuir e freiceadain; agus bha na h‑Edomaich uile nan seirbhisich aig Daibhidh: agus ghlèidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e.
Guma beannaichte an Tighearna do Dhia, a ghabh tlachd annad gud chur air rìgh-chathair Israeil: a chionn gu bheil gràdh aig an Tighearna do Israel gu bràth, uime sin rinn e thusa ad rìgh, a dhèanamh breitheanais agus ceartais.
Air fàs a uachdaranachd, agus air a shìth, cha tig crìoch, air cathair rìoghail Dhaibhidh, agus air a rìoghachd; a‑chum a daingneachadh agus a socrachadh le breitheanas agus le ceartas, o seo a‑mach agus gu sìorraidh: bheir eud Tighearna nan sluagh seo gu crìch.
Fuathaichibh an t‑olc, agus gràdhaichibh am math, agus daingnichibh breitheanas anns a’ gheata; theagamh gum bi an Tighearna, Dia nan sluagh, gràsmhor do iarmad Iòseiph.
Agus ghabh Saul an rìoghachd os cionn Israeil, agus chog e air gach làimh an aghaidh a naimhdean gu lèir, an aghaidh Mhòaib, agus an aghaidh chloinn Amoin, agus an aghaidh Edoim, agus an aghaidh rìghrean Shobah, agus an aghaidh nam Philisteach: agus ge bè taobh a thionndaidh e, chlaoidh e iad.