Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 8:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhuair Daibhidh ainm dha fhèin, nuair a thill e o bhualadh nan Edomach ann an gleann an t‑salainn, ochd-mìle-deug fear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn fhèin baile, agus tùr, aig am bi a mhullach a’ ruigheachd gu nèamh; agus dèanamaid dhuinn fhèin ainm, air eagal gun sgaoilear o chèile sinn air aghaidh na talmhainn uile.

Agus bha mi maille riut anns gach àite don deachaidh tu, agus gheàrr mi as do nàimhdean uile od fhianais, agus rinn mi dhut ainm mòr, mar ainm nan daoine mòra a tha air an talamh.

Oir nuair a bha Daibhidh ann an Edom, agus a chaidh Ioab, ceannard an t‑slòigh, suas a dh’adhlacadh nam marbh, an dèidh dha gach fireannach ann an Edom a bhualadh,

Bhuail e de Edom ann an gleann an t‑salainn deich mìle, agus ghlac e Selah anns a’ chogadh, agus thug e Iocteel mar ainm air gus an là‑an‑diugh.

Os bàrr, mharbh Abisai mac Sheruiah de na h‑Edomaich ann an gleann an t‑salainn ochd-mìle-deug.

Agus neartaich Amasiah e fhèin, agus thug e a‑mach a shluagh, agus chaidh e gu gleann an t‑salainn, agus bhuail e de chloinn Sheir deich mìle.

A Dhè, thilg thu uat sinn, sgap thu sinn, bha fearg ort. O till thusa rinn!




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan