Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 8:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin chuir Toi a mhac Ioram gu rìgh Daibhidh, a chur fàilte air, agus ga bheannachadh, a chionn gun do chog e ri Hadadeser, agus gun do bhuail e e: (oir bha cogadh aig Hadadeser ri Toi:) agus na làimh bha soithichean airgid, agus soithichean òir, agus soithichean umha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fheòraich e an robh iad gu math, agus thubhairt e, A bheil ur n‑athair, an seann duine mun do labhair sibh, gu math? A bheil e fhathast beò?

Iad sin mar an ceudna choisrig rìgh Daibhidh don Tighearna, maille ris an airgead agus ris an òr a choisrig e o na h‑uile chinnich a cheannsaich e;

Nuair a chuala Toi rìgh Hamait gun do bhuail Daibhidh sluagh Hadadeseir uile,

Agus os bàrr, thàinig seirbhisich an rìgh a bheannachadh ar tighearna rìgh Daibhidh, ag ràdh, Gun dèanadh Dia ainm Sholaimh nas fheàrr na d’ainm-sa, agus gun àrdaicheadh e a rìgh-chathair os cionn do rìgh-chathrach-sa: agus chrom an rìgh e fhèin air an leabaidh.

Chuir e Hadoram a mhac gu rìgh Daibhidh, a chur fàilte air, agus ga bheannachadh, a chionn gun do chog e an aghaidh Hadareseir, agus gun do bhuail e e (oir bha Hadareser a’ cogadh ri Tou); agus leis-san gach uile ghnè shoithichean òir, agus airgid agus umha.

Agus thug mòran tabhartasan a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Ierusalem, agus tìodhlacan a dh’ionnsaigh Heseciah rìgh Iùdah: agus dh’àrdaicheadh e ann an sùilean nan uile chinneach na dhèidh sin.

Cha mhò a their iadsan a bhios a’ dol seachad riu, Beannachd an Tighearna gu robh oirbh; tha sinne gur beannachadh ann an ainm an Tighearna.

Anns an àm sin, chuir Merodach-baladan, mac Bhaladain rìgh Bhàbiloin, litir agus tìodhlac gu Heseciah; oir chuala e gu robh e tinn, agus gun do shlànaicheadh e.

Agus cho luath is a chuir e crìoch air an ìobairt-loisgte a thoirt suas, feuch, thàinig Samuel; agus chaidh Saul a‑mach na choinneamh a‑chum gum beannaicheadh e dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan