Agus bha an sluagh uile ri connsachadh air feadh uile threubhan Israeil, ag ràdh, Theasairg an rìgh sinn à làimh ar naimhdean, agus shaor e sinn à làimh nam Philisteach, agus a‑nis tha e air teicheadh as an tìr ro Absalom.
Chaidh Ioab mar an ceudna agus Abisai air tòir Abneir: agus laigh a’ ghrian nuair a thàinig iad gu sliabh Amah, a tha fa chomhair Ghiah, air slighe fàsach Ghibeoin.
Ach nuair a chuala na Philistich gun d’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel, thàinig na Philistich uile a‑nìos a dh’iarraidh Dhaibhidh; agus chuala Daibhidh sin, agus chaidh e sìos don daingneach.
Agus bha mi maille riut anns gach àite don deachaidh tu, agus gheàrr mi as do nàimhdean uile od fhianais, agus rinn mi dhut ainm mòr, mar ainm nan daoine mòra a tha air an talamh.
A mhùch neart teine, a chaidh as o fhaobhar a’ chlaidheimh, o anfhainneachd a rinneadh neartmhor, a dh’fhàs treun ann an cath, a chuir air theicheadh armailtean nan coimheach.
Agus dh’irioslaicheadh na Philistich, agus cha tàinig iad tuilleadh gu crìch Israeil: agus bha làmh an Tighearna an aghaidh nam Philisteach uile làithean Shamueil.