Agus bha mi maille riut anns gach àite don deachaidh tu, agus gheàrr mi as do nàimhdean uile od fhianais, agus rinn mi dhut ainm mòr, mar ainm nan daoine mòra a tha air an talamh.
Agus labhair Daibhidh ris an Tighearna briathran na laoidh seo, anns an là air an do shaor an Tighearna e à làimh a naimhdean uile, agus à làimh Shauil:
A‑nis is iad seo briathran deireannach Dhaibhidh. Thubhairt Daibhidh mac Iese, agus thubhairt an duine a chuireadh suas gu h‑àrd, aon ungte Dia Iàcoib, agus salmadair binn Israeil:
Agus chuir e freiceadain ann an Edom: air feadh Edoim uile chuir e freiceadain; agus bha na h‑Edomaich uile nan seirbhisich aig Daibhidh: agus ghlèidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e.
An sin chuir Daibhidh freiceadain ann an Siria Dhamascais: agus bha na Sirianaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad leo tìodhlacan: agus ghlèidh an Tighearna Daibhidh gach taobh a chaidh e.
Agus bha mi leat gach taobh a chaidh thu, agus gheàrr mi as do naimhdean uile romhad, agus rinn mi dhut ainm cosmhail ri ainm nan daoine mòra a tha air an talamh.
An sin chaidh ceannardan nam Philisteach a‑mach: agus an dèidh dhaibh dol a‑mach, ghiùlain Daibhidh e fhèin na bu ghlice na uile sheirbhisich Shauil: agus bha a ainm ro‑urramach.
Togaidh e am bochd on duslach: on òtrach togaidh e suas am feumach, gan cur nan suidhe maille ri uachdarain, agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh; oir is leis an Tighearna bunaitean na talmhainn, agus shuidhich e an domhan orra.
Uime sin chuir iad air falbh àirc Dhè gu Ecron; agus nuair a bha àirc Dhè air teachd gu Ecron, dh’èigh na h‑Ecronaich, ag ràdh, Thug iad mun cuairt dar n‑ionnsaigh-ne àirc Dia Israeil gu sinn fhèin a mharbhadh agus ar sluagh.