2 Samuel 7:27Am Bìoball Gàidhlig 1992Oir dh’fhoillsich thusa, a Thighearna nan sluagh, a Dhè Israeil, dod sheirbhiseach, ag ràdh, Togaidh mi taigh dhut; uime sin fhuair do sheirbhiseach na chridhe an ùrnaigh seo a dhèanamh riut. Faic an caibideil |
Agus ma dh’èisdeas tu ris na h‑uile nithean a dh’àithneas mise dhut, agus gun gluais thu ann am shlighean, agus gun dèan thu an nì a tha ceart am shùilean, a ghleidheadh mo reachdan agus m’àitheantan, mar a rinn Daibhidh m’òglach: an sin bidh mise maille riut, agus togaidh mi dhut taigh daingeann, mar a thog mi do Dhaibhidh, agus bheir mi Israel dhut.
Agus smaoinich mi air fios a thoirt dhut, ag ràdh, Ceannaich e am fianais an luchd-àiteachaidh, agus am fianais seanairean mo shluaigh: ma dh’fhuasgaileas tu e, fuasgail e: ach mura fuasgail thu e, innis dhomh, a‑chum gum bi fhios agam: oir chan eil neach air bith ann gu fhuasgladh ach thusa, agus mise ad dhèidh-sa. Agus thubhairt esan, Fuasglaidh mise e.