Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 7:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus àrdaichear d’ainm gu bràth, ag ràdh, Is e Tighearna nan sluagh as Dia os cionn Israeil: agus biodh taigh do sheirbhisich Daibhidh daingeann ad fhianais:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Abrahàm ri Dia, O gum maireadh Ismael beò ad fhianais!

Agus a‑nis, a Thighearna Dhè, am facal a labhair thu a‑thaobh do sheirbhisich, agus a‑thaobh a thaighe, dèan seasmhach e gu bràth; agus dèan mar a thubhairt thu.

Agus ann an àm toirt suas na h‑ìobairt-fheasgair, thàinig Eliah am fàidh am fagas, agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, biodh fios an‑diugh gur tusa as Dia ann an Israel, agus gur mise d’òglach, agus gur ann air d’fhacal-sa a rinn mi na nithean seo uile.

Eisd rium, A Thighearna, èisd rium; agus biodh fios aig an t‑sluagh seo gur tusa an Tighearna Dia, agus gun do thill thu an cridhe air ais a‑rìs.

Tabhair glòir, a Thighearna, chan ann dhuinne, chan ann dhuinne, ach dod ainm fhèin, airson do thròcair agus airson d’fhìrinn.

Maireadh e gu bràth am fianais Dhè; gleidheadh tròcair agus fìrinn e.

Mairidh a shliochd gu bràth, agus a rìgh-chathair mar a’ ghrian am làthair.

Air an adhbhar sin dèanaibh-se ùrnaigh air a’ mhodh seo: Ar n‑Athair a tha air nèamh, Gu naomhaichear d’ainm.

Athair, glòraich d’ainm. An sin thàinig guth o nèamh, ag ràdh, Ghlòraich mi araon e, agus glòraichidh mi a‑rìs e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan