Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 7:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a‑nis, a Thighearna Dhè, am facal a labhair thu a‑thaobh do sheirbhisich, agus a‑thaobh a thaighe, dèan seasmhach e gu bràth; agus dèan mar a thubhairt thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt thu, Gu cinnteach nì mi math dhut, agus nì mi do shliochd mar ghaineamh na fairge, nach faodar àireamh a‑thaobh lìonmhorachd.

Oir dhaingnich thu dhut fhèin do shluagh Israel, gu bhith nan sluagh dhut gu bràth; agus tha thusa, a Thighearna, ad Dhia aca.

Agus àrdaichear d’ainm gu bràth, ag ràdh, Is e Tighearna nan sluagh as Dia os cionn Israeil: agus biodh taigh do sheirbhisich Daibhidh daingeann ad fhianais:

A‑chum gun daingnich an Tighearna a fhacal fhèin, a labhair e dom thaobh-sa, ag ràdh, Ma choimheadas do chlann an slighe, gu imeachd am fhianais-sa ann am fìrinn, len uile chridhe, agus len uile anam, cha bhi (ars esan) duine a dh’easbhaidh ort air rìgh-chathair Israeil.

Agus a‑nis, a Dhè Israeil, daingnichear, guidheam ort, d’fhacal, a labhair thu rid òglach Daibhidh m’athair.

Agus a‑nis, a Thighearna Dhè Israeil, daingnichear d’fhacal a labhair thu rid òglach Daibhidh.

Daingnich d’fhacal dod òglach, air a bheil d’eagal-sa.

Cuimhnich am facal dod òglach, as an tug thu orm earbsa.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bidh mise fhathast air m’iarraidh anns an nì seo le taigh Israeil, a‑chum a dhèanamh air an son; nì mi lìonmhor iad le daoine mar threud.

Agus thubhairt Elcanah a fear rithe, Dèan mar as math leat; fan gus an cuir thu bhàrr na cìche e; a‑mhàin daingnicheadh an Tighearna a fhacal. Agus dh’fhan a’ bhean, agus thug i cìoch da leanabh, gus an do chuir i bhàrr na cìche e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan