Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 7:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cia an cinneach air thalamh cosmhail rid shluagh-sa, cosmhail ri Israel, a chaidh Dia a shaoradh mar shluagh dha fhèin, agus a dhèanamh ainme dha fhèin, agus a dhèanamh air an son nithean mòra agus uamhasach, airson do thìre, am fianais do shluaigh a shaor thu dhut fhèin as an Eiphit, o na cinnich agus on diathan?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

36 Iomraidhean Croise  

Oir dhaingnich thu dhut fhèin do shluagh Israel, gu bhith nan sluagh dhut gu bràth; agus tha thusa, a Thighearna, ad Dhia aca.

Agus cia an cinneach air thalamh cosmhail rid shluagh Israel, a chaidh Dia a shaoradh mar shluagh dha fhèin, a dhèanamh ainme dhut fhèin, a dhèanamh nithean mòra agus uamhasach le cinnich fhògradh rod shluagh, a shaor thu as an Eiphit?

A‑nis is iad seo do sheirbhisich agus do shluagh, a shaor thu led mhòr chumhachd, agus led làimh thrèin.

Nithean iongantach ann an tìr Cham, nithean uamhasach aig a’ mhuir ruaidh.

Chuir e saorsa a dh’ionnsaigh a shluaigh; dh’àithn e a choicheangal gu bràth; is naomh agus urramach a ainm-san.

Agus labhraidh daoine air neart do bheartan uamhasach, agus aithrisidh mise do mhòrachd.

Cha do bhuin e mar seo ri cinneach sam bith; cha mhò a b’aithne dhaibh a bhreitheanais. Molaibh-se an Tighearna.

Is lìonmhor, a Thighearna mo Dhia, na nithean a rinn thu! D’obraichean iongantach agus do smuaintean dar taobh-ne, chan eil e an comas a chur sìos an òrdagh dhut; nochdainn agus chuirinn an cèill iad, ach tha iad nas lìonmhoire na gun gabh iad àireamh.

Oir chan ann len claidheamh fhèin a fhuair iad sealbh anns an tìr, agus chan e an gàirdean fhèin a shaor iad, ach do dheaslàmh agus do ghàirdean-sa agus solas do ghnùise, a chionn gu robh deagh-ghean agad dhaibh.

Le nithean uamhasach ann an ceartas bheir thu freagradh dhuinn, a Dhè ar slàinte, dòchas uile chrìochan na talmhainn agus na fairge fada uainn,

Abraibh ri Dia, Cia uamhasach d’obraichean! Trìd meud do neirt strìochdaidh do naimhdean dhut.

Oir thèid mise tro thìr na h‑Eiphit air an oidhche seo, agus buailidh mi gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, araon duine agus ainmhidh: agus an aghaidh diathan nan Eiphiteach uile cuiridh mi breitheanas an gnìomh; is mise an Tighearna.

Oir ciod e leis an aithnichear ann an seo gun d’fhuair mise agus do shluagh deagh-ghean ad shùilean? Nach ann led dhol maille rinn? Mar seo dealaichear sinn, mise agus do shluagh, o gach uile shluagh a tha air aghaidh na talmhainn.

Agus gabhaidh mi sibh dhomh fhèin mar shluagh, agus bidh mi dhuibh am Dhia; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha gur toirt-se a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach.

Oir a‑nis sìnidh mi a‑mach mo làmh, agus buailidh mi thu fhèin agus do shluagh le plàigh; agus gearrar as thu on talamh.

Agus gu deimhinn airson seo thog mi suas thu, a‑chum is gun nochdainn annad mo chumhachd, agus gum biodh m’ainm iomraiteach anns an domhan uile.

A dh’fhoillsich comharraidhean agus mìorbhailean ann an tìr na h‑Eiphit, agus am measg dhaoine, agus a rinn dhut fhèin ainm, mar air an là‑an‑diugh;

Agus a thug a‑mach do shluagh Israel à tìr na h‑Eiphit le comharraidhean, agus le mìorbhailean, agus le làimh làidir, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le uamhas mòr;

Ach dh’obraich mi air sgàth m’ainme fhèin, a‑chum nach truaillte e an làthair nan cinneach am measg an robh iad, agus an do rinn mi mi fhèin aithnichte dhaibh nan sealladh, len toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

Agus cuiridh iad m’ainm air cloinn Israeil, agus beannaichidh mise iad.

A‑chum cliù glòir a ghràis, tre an do rinn e sinn taitneach na Mhac gràdhach:

Is esan do chliù, agus is esan do Dhia, a rinn air do shon na nithean mòra agus uamhasach ud, a chunnaic do shùilean.

Agus cuimhnichidh tu gu robh thu fhèin ad thràill ann an tìr na h‑Eiphit; agus shaor an Tighearna do Dhia thu: uime sin tha mi ag àithneadh seo dhut an‑diugh.

Is sona thu, O Israeil; cò a tha cosmhail riut, O shluagh a shaoradh leis an Tighearna, sgiath do chòmhnaidh, agus neach as e claidheamh do mhòrachd? Agus gheibhear do naimhdean nam breugairean dhut, agus saltraidh tu air an àitean àrda.

Uime sin, rinn mi ùrnaigh ris an Tighearna, agus thubhairt mi, O Thighearna Dhè, na sgrios do shluagh fhèin, agus d’oighreachd, a shaor thu trìd do mhòrachd, a thug thu a‑mach as an Eiphit le làimh chumhachdaich.

A thug e fhèin air ar son, a‑chum gun saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e dha fhèin sluagh sònraichte, eudmhor mu dheagh obraichean.

Oir cluinnidh na Canàanaich, agus uile luchd-àiteachaidh na tìre, agus iadhaidh iad mun cuairt oirnn, agus gearraidh iad as ar n‑ainm on talamh: agus ciod a nì thu rid ainm mòr?

Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin:

Agus sheinn iad òran nuadh, ag ràdh, Is airidh thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan fhosgladh, do bhrìgh gun do mharbhadh thu, agus gun do shaor thu sinne do Dhia led fhuil fhèin, as gach uile threubh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan