Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 7:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin tha thu mòr, a Thighearna Dhè: oir chan eil neach ann cosmhail riut, agus chan eil Dia ann ach thusa, a rèir gach nì a chuala sinn le ar cluasan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

33 Iomraidhean Croise  

Oir cò as Dia ann ach an Tighearna? Agus cò as carraig ann ach ar Dia-ne?

Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Israeil, chan eil Dia ann cosmhail riutsa, anns na nèamhan shuas, no air an talamh a‑bhos, a chumas coicheangal agus tròcair rid sheirbhisich a ghluaiseas ad fhianais len uile chridhe:

Oir is mòr an Tighearna, agus ro‑airidh air cliù: agus is adhbhar eagail esan os cionn nan uile dhiathan:

Agus bidh an taigh a thogas mise mòr: oir is mòr ar Dia-ne os cionn nan uile dhiathan.

Oir tha fhios agam gur mòr an Tighearna agus gu bheil ar Tighearna os cionn nan uile dhiathan.

Is mòr an Tighearna, agus is ro‑airidh e air moladh; agus chan fhaodar a mhòrachd a rannsachadh.

A Dhè, le ar cluasan chuala sinn, dh’innis ar n‑athraichean dhuinn an obair a rinn thu nan làithean-san, anns na làithean o shean.

Is mòr an Tighearna, agus is ro‑airidh air cliù e ann am baile ar Dè, ann an sliabh a naomhachd.

Oir is mòr thusa, agus tha thu a’ dèanamh nithean iongantach; is tusa Dia, thu fhèin a‑mhàin.

Chan eil do shamhail-sa am measg nan diathan, a Thighearna, agus chan eil obraichean ann cosmhail rid obraichean-sa.

Oir cò ann am flaitheanas a choimeasar ris an Tighearna? Cò am measg mic nan cumhachdach a shamhlaichear ris an Tighearna?

A Thighearna Dhè nan slògh, cò a tha cosmhail riut? Treun tha thusa, a Thighearna, agus tha d’fhìrinn mun cuairt dhut.

Oir is mòr an Tighearna, agus is ro‑airidh e air cliù; is adhbhar eagail esan os cionn nan uile dhiathan.

Agus gun innseadh tu ann an cluasan do mhic, agus mac do mhic, na nithean a dh’obraich mi anns an Eiphit, agus mo chomharraidhean a rinn mi nam measg; agus gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna.

Cò as cosmhail riutsa am measg nan diathan, a Thighearna? Cò a tha cosmhail riut, glòrmhor ann an naomhachd, uamhasach ann am moladh, a’ dèanamh nithean iongantach?

Agus thubhairt esan, A‑màireach. Agus thubhairt e, Biodh e a rèir d’fhacail: a‑chum is gum bi fhios agad nach eil neach ann cosmhail ris an Tighearna ar Dia.

Agus shìn Aaron a‑mach a làmh os cionn uisgeachan na h‑Eiphit; agus chaidh na losgannan suas, agus chòmhdaich iad talamh na h‑Eiphit.

Oir air an àm seo cuiridh mise mo phlàighean uile air do chridhe-sa, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh; a‑chum is gum bi fhios agad nach eil neach ann cosmhail riumsa anns an talamh uile.

Cò ris, mas eadh, a shamhlaicheas sibh Dia? Agus ciod an coslas a nì sibh dha?

Cò ris, ma ta, a shamhlaicheas sibh mise, no a choimeasar mi? deir an Tì naomh.

Oir mar seo deir an Tighearna, a chruthaich na nèamhan; esan, eadhon Dia, a dhealbh an talamh agus a rinn e, esan a dhaingnich e (cha do chruthaich e gu dìomhain e, dhealbh e e gu bhith air àiteachadh): Is mise an Tighearna, agus chan eil atharrachadh ann.

Seallaibh riumsa, agus bithibh air ur tèarnadh, uile iomallan na talmhainn; oir is mise Dia, agus chan eil atharrachadh ann.

Is mi an Tighearna, agus chan eil ann ach mi; a‑mach uamsa chan eil Dia ann: crioslaichidh mi thu, agus thu aineolach orm.

Air an adhbhar sin, abair ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Chan eil mi a’ dèanamh seo air ur son-se, O thaigh Israeil, ach airson m’ainme naoimh fhèin, a thruaill sibhse am measg nan cinneach gus an deachaidh sibh.

Chan ann air ur son-se a tha mise a’ dèanamh seo, tha an Tighearna Dia ag ràdh, biodh fhios agaibh: biodh nàire agus amhluadh oirbh airson ur slighean fhèin, O thaigh Israeil.

Anns a’ mheud is gum faca tu gu robh a’ chlach air a gearradh a‑mach as an t‑sliabh as eugmhais làmhan, agus gun do bhris i nam bloighdean an t‑iarann, an t‑umha, a’ chriadh, an t‑airgead agus an t‑òr; thug an Dia mòr fios don rìgh ciod a thig gu crìch na dhèidh seo, agus tha am bruadar cinnteach, agus a bhrìgh dearbhte.

Cò as Dia ann cosmhail riutsa, a mhaitheas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air easaontas iarmad a oighreachd? Cha ghlèidh e a chorraich gu sìorraidh, a chionn gur toigh leis tròcair.

O Thighearna Dhè, thòisich thu air do mhòrachd agus do làmh chumhachdach a nochdadh dod òglach: oir cò an dia air nèamh no air talamh as urrainn a dhèanamh a rèir d’obrach-sa, agus a rèir do chumhachd-sa?

Faicibh a‑nis gur mise, eadhon mise e, agus nach eil Dia sam bith maille rium: marbhaidh mi, agus beothaichidh mi; lotaidh mi, agus lèighsidh mi: agus chan eil neach ann a shaoras as mo làimh.

Dhutsa nochdadh e, a‑chum gum biodh fios agad gur e an Tighearna as Dia ann; chan eil ann ach e.

Biodh agad fios uime sin an‑diugh, agus thoir fa‑near ad chridhe, gur e an Tighearna as Dia ann air nèamh shuas, agus air an talamh a‑bhos: chan eil ann ach e.

Chan eil neach air bith naomh mar an Tighearna; oir chan eil neach ann ach thu, agus chan eil carraig ann mar ar Dia-ne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan