Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 7:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Airson d’fhacail, agus a rèir do chridhe fhèin, rinn thu na nithean mòra seo uile, a thoirt air do sheirbhiseach eòlas a ghabhail orra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

A Thighearna, is ann airson do sheirbhisich agus a rèir do chridhe fhèin a rinn thu na nithean mòra seo uile, a‑chum gun dèanadh tu na nithean mòra seo gu lèir aithnichte.

Tabhair glòir, a Thighearna, chan ann dhuinne, chan ann dhuinne, ach dod ainm fhèin, airson do thròcair agus airson d’fhìrinn.

Sleuchdaidh mi aig do theampall naomh, agus molaidh mi d’ainm airson do choibhneas gràidh agus airson d’fhìrinn, oir dh’àrdaich thu d’fhacal os cionn d’ainme uile.

Cha duine Dia, gun dèanadh e breug; no mac duine, gun gabhadh e aithreachas: an dubhairt e, agus nach dèan e? Agus an do labhair e agus nach coilean e e?

Seadh, Athair, do bhrìgh gum b’ann mar sin a bha do dheagh thoil-sa.

Thèid nèamh agus talamh thairis, ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a‑chaoidh.

A choileanadh na tròcair a gheall e dar n‑athraichean, agus a chuimhneachadh a choicheangail naoimh fhèin:

Anns an uair sin fhèin rinn Iosa gàirdeachas na spiorad, agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean sin o dhaoine glice agus tuisgeach, agus gun d’fhoillsich thu iad do naoidheanan: seadh, Athair, oir is ann mar sin a bu toil leatsa.

Na biodh eagal ort, a threud bhig; oir is e deagh thoil ur n‑Athar an rìoghachd a thoirt dhuibh.

Pòl, a ghairmeadh gu bhith na abstol do Iosa Crìosd, tre thoil Dhè, agus Sostenes ar bràthair,

A dh’fhoillsich dhuinn rùn-diamhair a thoile, a rèir a dheagh-ghean fhèin a rùnaich e ann fhèin:

A rèir an rùin shìorraidh a rùnaich e ann an Iosa Crìosd ar Tighearna:

Agus bithibh coibhneil teò-chridheach da chèile; a’ toirt maitheanais da chèile, eadhon mar a thug Dia maitheanas dhuibhse ann an Crìosd.

Chan ann airson d’fhìreantachd, no airson ionracas do chridhe, a tha thu a’ dol a shealbhachadh am fearainn; ach airson aingidheachd nan cinneach sin tha an Tighearna do Dhia gam fògradh a‑mach od làthair-sa, agus a‑chum gun coilean e am facal a mhionnaich an Tighearna dod athraichean, Abrahàm, Isaac, agus Iàcob.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan