Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 7:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bu bheag an nì seo fhathast ad shùilean-sa, a Thighearna Dhè: ach labhair thu mar an ceudna a‑thaobh taigh do sheirbhisich rè aimsir fhada ri teachd: agus an e seo gnàth duine, a Thighearna Dhè?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thug mi dhut taigh do mhaighistir, agus mnathan do mhaighistir ann ad uchd, agus thug mi dhut taigh Israeil agus Iùdah; agus nam bu bheag sin, bheirinn dhut cuideachd an leithid seo agus an leithid siud de nithean.

Agus is beag seo ann an sùilean an Tighearna: bheir e mar an ceudna na Mòabaich thairis dur làimh.

Agus bu bheag seo ad shùilean-sa, O Dhè, oir labhair thu mar an ceudna mu thaigh do sheirbhisich rè aimsir fhada ri teachd, agus thug thu meas orm a rèir staid duine àrd-inbhich, a Thighearna Dhè.

Cia luachmhor do choibhneas gràdhach, a Dhè! Uime sin, earbaidh clann nan daoine à sgàil do sgiathan.

An nì suarach leibhse an innis mhath ithe suas, ach gun saltair sibh fòs a’ chuid eile den ionaltradh sìos fo ur casan? Agus òl de na h‑uisgeachan domhain, ach gur èiginn dhuibh a’ chuid eile a shalachadh le ur casan?

An nì beag e gun tug thu a‑nìos sinn à talamh a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil, gar marbhadh anns an fhàsach, mura dèan thu thu fhèin gu h‑iomlan ad uachdaran os ar cionn?

An nì beag e nur barail-se gun do sgar Dia Israeil sibh o cho-chruinneachadh Israeil gu ur toirt am fagas dha fhèin, a dhèanamh seirbhis pàillean an Tighearna, agus a sheasamh am fianais a’ cho-chruinneachaidh a fhrithealadh dhaibh?

A‑chum gum foillsicheadh e anns na linntean ri teachd saoibhreas ro‑phailt a ghràis, ann an coibhneas dar taobh-ne, tre Iosa Crìosd.

Agus thubhairt e, Chan ann: ach mar cheannard sluagh an Tighearna tha mi a‑nis air teachd. Agus thuit Iosua air a aghaidh air an talamh, agus rinn e adhradh, agus thubhairt e ris, Ciod a tha mo thighearna ag ràdh ra sheirbhiseach?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan