Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 7:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin chaidh rìgh Daibhidh a‑steach, agus shuidh e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cò mise, O Thighearna Dhè, agus ciod e mo thaigh, gun tug thu mi gu ruige seo?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Chan airidh mi air a’ chuid as lugha de na tròcairean sin uile, no den fhìrinn sin uile, a nochd thu dod sheirbhiseach; oir lem luirg thàinig mi thar an Iòrdan seo, agus tha mi a‑nis am dhà bhuidhinn.

Saor mi, guidheam ort, o làimh mo bhràthar, o làimh Esau: oir tha eagal orm roimhe, gun tig e, agus gum buail e mi, agus a’ mhàthair maille ris a’ chloinn.

Ged nach eil mo thaigh mar sin aig Dia, gidheadh rinn e coicheangal sìorraidh riumsa, air a shuidheachadh anns gach nì, agus a choimheadar: oir is e seo mo shlàinte uile, agus mo mhiann uile, ged nach eil e a’ toirt air fàs.

A rèir nam briathran seo uile, agus a rèir an taisbeanaidh seo uile, mar sin labhair Nàtan ri Daibhidh.

An sin chaidh rìgh Daibhidh a‑steach, agus shuidh e am fianais an Tighearna, agus thubhairt e, Cò mise, O Thighearna Dhè, agus ciod e mo thaigh, gun tug thu mi gu ruige seo?

Ach cò mise, agus ciod iad mo shluagh, gum biodh e nar comas tabhartasan a thoirt seachad cho toileach air an dòigh seo? Oir is ann uatsa a tha na h‑uile nithean, agus is ann ded chuid fhèin a thug sinn dhut:

Cò e an duine gum biodh tusa cuimhneachail air, agus mac an duine gum fiosraicheadh tu e?

Agus thubhairt Maois ri Dia, Cò mise, gun rachainn a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus gun tugainn a‑mach clann Israeil as an Eiphit?

Agus ghabh Heseciah an litir o làimh nan teachdairean, agus leugh e i; agus chaidh Heseciah suas do thaigh an Tighearna, agus sgaoil e i am fianais an Tighearna.

Dhòmhsa, as lugha na an tì as lugha de na naoimh uile, thugadh an gràs seo, saoibhreas Chrìosd, nach faodar a rannsachadh, a shearmonachadh am measg nan Cinneach;

Agus thubhairt e ris, Och mo Thighearna, cia leis a shaoras mise Israel? Feuch, tha mo theaghlach bochd ann am Manaseh, agus is mise as lugha ann an taigh m’athar.

An sin thuit i air a h‑aghaidh, agus chrom i i fhèin gu làr, agus thubhairt i ris, Carson a fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, gun cuireadh tu eòlas orm, agus mi am bhan-choigrich?

Agus thubhairt Samuel, Nuair a bha thu beag ad shùilean fhèin nach do rinneadh thu ad cheann air treubhan Israeil? Agus dh’ung an Tighearna thu ad rìgh os cionn Israeil.

Agus thubhairt Daibhidh ri Saul, Cò mise, agus ciod i mo bheatha, no teaghlach m’athar ann an Israel, gum bithinn am chliamhainn aig an rìgh?

Agus fhreagair Saul agus thubhairt e, Nach Beniàmineach mise den treubh as lugha ann an Israel? Agus nach e mo theaghlach as lugha de uile theaghlaichean treubh Bheniàmin? Carson uime sin a tha thu a’ labhairt riumsa air an dòigh seo?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan