Bidh mi am athair aigesan, agus bidh esan na mhac agamsa: ma nì e aingidheachd, smachdaichidh mi e le slait dhaoine, agus le buillean clann nan daoine:
Aomaibh ur cluas, agus thigibh am ionnsaigh-sa; èisdibh, agus mairidh ur n‑anam beò; agus nì mi ribh coicheangal sìorraidh, eadhon tròcairean cinnteach Dhaibhidh.
Air fàs a uachdaranachd, agus air a shìth, cha tig crìoch, air cathair rìoghail Dhaibhidh, agus air a rìoghachd; a‑chum a daingneachadh agus a socrachadh le breitheanas agus le ceartas, o seo a‑mach agus gu sìorraidh: bheir eud Tighearna nan sluagh seo gu crìch.
Oir mar pheacadh na draoidheachd tha ceannairc, agus mar aingidheachd iodhal-adhraidh tha rag-mhuinealachd: a chionn gun do chuir thusa cùl ri facal an Tighearna, chuir esan mar an ceudna cùl riutsa o bhith ad rìgh.
Agus thubhairt Samuel ri Saul, Cha till mi maille riut; oir chuir thu cùl ri facal an Tighearna, agus chuir an Tighearna cùl riutsa o bhith ad rìgh air Israel.
Agus chuir esan cuideachd a aodach dheth, agus rinn e fàidheadaireachd am fianais Shamueil air an dòigh cheudna: agus laigh e sìos lomnochd rè an là sin agus rè na h‑oidhche. Uime sin their iad, A bheil Saul mar an ceudna am measg nam fàidhean?