Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 7:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bidh mi am athair aigesan, agus bidh esan na mhac agamsa: ma nì e aingidheachd, smachdaichidh mi e le slait dhaoine, agus le buillean clann nan daoine:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Gidheadh, cha toir mi an rìoghachd uile as a làimh, ach nì mi e na uachdaran rè uile làithean a bheatha, air sgàth Dhaibhidh, m’òglach, a thagh mi, a chionn gun do ghlèidh e m’àitheantan agus mo reachdan.

Ach ma thionndaidheas sibh da‑rìribh om leantainn-sa, sibh fhèin agus ur clann, agus nach glèidh sibh m’àitheantan agus mo reachdan a chuir mi romhaibh, ach gum falbh sibh agus gun dèan sibh seirbhis do dhiathan eile, agus gun sleuchd sibh dhaibh;

Bidh mi am athair dha, agus bidh esan na mhac dhòmhsa, agus cha toir mi mo thròcair air falbh uaithe, mar a thug mi uaithesan a bha romhadsa.

Togaidh esan taigh dom ainm-sa; agus bidh e na mhac dhomh, agus bidh mise am athair dhàsan: agus daingnichidh mi rìgh-chathair a rìoghachd os cionn Israeil gu bràth.

Agus thubhairt e riu, Togaidh Solamh do mhac mo thaigh-sa agus mo lùchairtean; oir thagh mi e gu bhith na mhac agam, agus bidh mise ann am athair aigesan.

Feuch, is nèarrachd an duine a smachdaicheas Dia: air cronachadh an Uile-chumhachdaich, matà, na dèan-sa tàir.

Cuiridh mi an cèill òrdagh an Tighearna: thubhairt e rium, Is tu mo mhac-sa; an‑diugh ghin mi thu.

Oir tha mise maille riut, deir an Tighearna, a‑chum do thèarnadh: ged bheir mi crìoch iomlan air na h‑uile chinnich gus an d’fhògair mi thu, gidheadh cha toir mi crìoch iomlan ortsa: ach smachdaichidh mi thu ann an tomhas, agus cha leig mi as thu gu h‑iomlan o pheanas.

Agus, feuch, guth o nèamh, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.

Ach nuair a bheirear breith oirnn, tha sinn air ar smachdachadh leis an Tighearna, a‑chum nach bitheamaid air ar dìteadh maille ris an t‑saoghal.

Agus bidh mi am Athair dhuibh, agus bidh sibhse nur mic agus nur nigheanan dhòmhsa, tha an Tighearna uile-chumhachdach ag ràdh.

Bheir thu mar an ceudna fa‑near ann ad chridhe, mar a smachdaicheas duine a mhac, gur ann mar sin a tha an Tighearna do Dhia gad smachdachadh-sa.

Oir cò de na h‑aingil ris an dubhairt e uair air bith, Is tu mo Mhac-sa, an‑diugh ghin mi thu? Agus a‑rìs, Bidh mise am Athair dhàsan, agus bidh esan na Mhac dhòmhsa?

Sealbhaichidh an tì a bheir buaidh na h‑uile nithean; agus bidh mise am Dhia dhàsan, agus bidh esan na mhac dhòmhsa.

A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas-ghràdh, agus dèan aithreachas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan