Oir dh’fhoillsich thusa, a Thighearna nan sluagh, a Dhè Israeil, dod sheirbhiseach, ag ràdh, Togaidh mi taigh dhut; uime sin fhuair do sheirbhiseach na chridhe an ùrnaigh seo a dhèanamh riut.
A‑nis uime sin, mar as beò an Tighearna, a dhaingnich mise, agus a chuir am shuidhe mi air rìgh-chathair Dhaibhidh m’athair, agus a rinn taigh dhomh, mar a labhair e, cuirear Adoniah gu bàs an‑diugh.
A‑chum gun daingnich an Tighearna a fhacal fhèin, a labhair e dom thaobh-sa, ag ràdh, Ma choimheadas do chlann an slighe, gu imeachd am fhianais-sa ann am fìrinn, len uile chridhe, agus len uile anam, cha bhi (ars esan) duine a dh’easbhaidh ort air rìgh-chathair Israeil.
Agus, feuch, tha mi a’ cur romham taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, mar a labhair an Tighearna rim athair Daibhidh, ag ràdh, Do mhac a chuireas mise ann ad àit air do rìgh-chathair, togaidh esan taigh dom ainm-sa.
A‑thaobh an taighe seo a tha thu a’ togail, ma ghluaiseas tu ann am reachdan-sa, agus ma chuireas tu mo bhreitheanais an gnìomh, agus ma ghleidheas tu m’àitheantan uile le gluasad annta: an sin coileanaidh mise m’fhacal dhut, a labhair mi ri Daibhidh d’athair:
Agus chuir e dealbh snaidhte an doire a rinn e anns an taigh mun dubhairt an Tighearna ri Daibhidh, agus ri Solamh a mhac, Anns an taigh seo, agus ann an Ierusalem, a thagh mi à uile threubhan Israeil, cuiridh mi m’ainm gu bràth.
Gidheadh cha b’àill leis an Tighearna Iùdah a sgrios, air sgàth Dhaibhidh a òglach, mar a gheall e dha solas a thabhairt dha fhèin agus da mhic an còmhnaidh.
A‑nis uime sin, a Thighearna Dhè Israeil, cùm rid òglach Daibhidh m’athair an nì a labhair thu ris, ag ràdh, Cha bhi duine a dhìth ort am fhianais-sa, a shuidheas air rìgh-chathair Israeil, ma choimheadas a‑mhàin do chlann an slighe, a’ gluasad ann am lagh, mar a ghluais thusa am fhianais.
Mar seo deir an Tighearna, Ann an àm taitneach chuala mi thu, agus ann an là na slàinte chuidich mi thu; agus gleidhidh mi thu, agus bheir mi thu mar choicheangal don t‑sluagh; a dhaingneachadh na tìre, agus a thabhairt air na h‑oighreachdan fàsail a bhith air an sealbhachadh;
Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.
Air fàs a uachdaranachd, agus air a shìth, cha tig crìoch, air cathair rìoghail Dhaibhidh, agus air a rìoghachd; a‑chum a daingneachadh agus a socrachadh le breitheanas agus le ceartas, o seo a‑mach agus gu sìorraidh: bheir eud Tighearna nan sluagh seo gu crìch.
Agus gabhaidh iad còmhnaidh anns an fhearann a thug mise dom òglach Iàcob, anns an do ghabh ur n‑athraichean còmhnaidh: agus gabhaidh iadsan còmhnaidh ann, iad fhèin, agus an clann, agus clann an cloinne gu bràth; agus bidh m’òglach Daibhidh na rìgh dhaibh gu sìorraidh.
Agus ann an làithean nan rìghrean seo, cuiridh Dia nèimh suas rìoghachd nach tèid gu sìorraidh a sgrios: agus cha bhi an rìoghachd air a fàgail aig sluagh eile, ach brisidh i nam bloighdean, agus caithidh i na rìoghachdan seo uile, agus seasaidh i gu sìorraidh.
Agus labhraidh tu ris, ag ràdh, Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Feuch an duine don ainm am Meangan; agus fàsaidh e a‑nìos as àite, agus togaidh e teampall an Tighearna.
Togaidh eadhon esan teampall an Tighearna, agus gheibh e glòir, agus suidhidh e, agus riaghlaidh e air a rìgh-chathair; agus bidh e na shagart air a rìgh-chathair; agus bidh comhairle na sìthe eatorra araon.
Oir mheasadh gum b’airidh an Tì seo air glòir a bu mhò na Maois, a mheud is gu bheil tuilleadh urraim aig an neach a thog an taigh, na aig an taigh fhèin.
Tha sibhse mar an ceudna mar chlachan beò air ur togail suas nur taigh spioradail, nur sagartachd naomh, a‑chum ìobairtean spioradail a thoirt suas, taitneach do Dhia tre Iosa Crìosd.