Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 7:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a choileanar do làithean, agus a chaidleas tu maille rid athraichean, togaidh mi suas do shliochd ad dhèidh, a thig a‑mach à d’innibh; agus daingnichidh mi a rìoghachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

36 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, ag ràdh, Cha bhi e seo na oighre ort; ach esan a thig a‑mach as d’innibh fhèin, bidh e na oighre ort.

Bheir esan saorsa mhòr da rìgh, agus nochdaidh e tròcair da aon ungte fhèin, do Dhaibhidh, agus da shliochd gu bràth.

Oir, mura innis, tàrlaidh nuair a chaidleas mo thighearna an rìgh maille ra athraichean, gum measar mise agus mo mhac Solamh nar ciontaich.

Agus cuideachd mar seo thubhairt an rìgh, Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, a thug an‑diugh duine a shuidhe air mo rìgh-chathair, agus mo shùilean fhèin ga fhaicinn.

A‑nis thàinig làithean Dhaibhidh am fagas anns am faigheadh e bàs, agus dh’àithn e do Sholamh a mhac, ag ràdh,

An sin chaidil Daibhidh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh.

A‑chum gun daingnich an Tighearna a fhacal fhèin, a labhair e dom thaobh-sa, ag ràdh, Ma choimheadas do chlann an slighe, gu imeachd am fhianais-sa ann am fìrinn, len uile chridhe, agus len uile anam, cha bhi (ars esan) duine a dh’easbhaidh ort air rìgh-chathair Israeil.

Agus, feuch, tha mi a’ cur romham taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, mar a labhair an Tighearna rim athair Daibhidh, ag ràdh, Do mhac a chuireas mise ann ad àit air do rìgh-chathair, togaidh esan taigh dom ainm-sa.

Agus thubhairt e, Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, a labhair le a bheul fhèin rim athair Daibhidh, agus a choilean e le a làimh, ag ràdh,

Gidheadh, cha tog thusa an taigh, ach do mhac a thig a‑mach as do leasraidh, togaidh esan an taigh dom ainm-sa.

Agus choilean an Tighearna a fhacal a labhair e; agus dh’èirich mise suas an àite Dhaibhidh m’athair, agus tha mi am shuidhe air rìgh-chathair Israeil, mar a labhair an Tighearna, agus thog mi taigh do ainm an Tighearna, Dia Israeil.

An sin daingnichidh mise cathair do rìoghachd air Israel gu bràth, mar a labhair mi ri Daibhidh d’athair, ag ràdh, Cha bhi thu gun duine air rìgh-chathair Israeil.

Gidheadh cha b’àill leis an Tighearna Iùdah a sgrios, air sgàth Dhaibhidh a òglach, mar a gheall e dha solas a thabhairt dha fhèin agus da mhic an còmhnaidh.

Agus nuair a choileanar do làithean, agus gur èiginn dhut triall maille rid athraichean, togaidh mise suas do shliochd ad dhèidh, a bhios ded mhic; agus daingnichidh mi a rìoghachd-san.

A‑nis, a Thighearna Dhè, coileanar do ghealladh do Dhaibhidh m’athair: oir rinn thu mise ann am rìgh air sluagh, lìonmhor mar dhuslach na talmhainn.

Nach bu chòir dhuibhse fios a bhith agaibh gun tug an Tighearna Dia Israeil an rìoghachd os cionn Israeil thairis do Dhaibhidh gu bràth, eadhon dhàsan agus da mhic le coicheangal salainn?

Gidheadh, cha b’àill leis an Tighearna taigh Dhaibhidh a sgrios, air sgàth a’ choicheangail a rinn e ri Daibhidh, agus gun do gheall e solas a thabhairt dha fhèin agus da mhic gu bràth.

Agus rinn an coitheanal uile coicheangal ris an rìgh ann an taigh Dhè: agus thubhairt e riu, Feuch, rìoghaichidh mac an rìgh, mar a thubhairt an Tighearna mu mhic Dhaibhidh.

A chùm rid òglach Daibhidh m’athair an nì a labhair thu ris; oir labhair thu led bheul, agus led làimh choilean thu, mar air an là‑an‑diugh.

Gidheadh, cha tog thusa an taigh, ach do mhac a thig a‑mach as do leasraidh, togaidh esan an taigh dom ainm-sa.

Agus suidhichidh mi gu bràth a shliochd, agus a rìgh-chathair mar làithean nan nèamh.

Agus anns an là sin, bidh freumh Iese na sheasamh mar bhrataich do na slòigh; da ionnsaigh-san iarraidh na cinnich, agus bidh a thàmh glòrmhor.

Air fàs a uachdaranachd, agus air a shìth, cha tig crìoch, air cathair rìoghail Dhaibhidh, agus air a rìoghachd; a‑chum a daingneachadh agus a socrachadh le breitheanas agus le ceartas, o seo a‑mach agus gu sìorraidh: bheir eud Tighearna nan sluagh seo gu crìch.

Oir mar seo tha Iehòbhah ag ràdh, Cha bhi gu bràth a dh’uireasbhaidh air Daibhidh duine a shuidheas air rìgh-chathair taigh Israeil;

Agus dùisgidh mòran dhiubhsan a tha nan cadal ann an duslach na talmhainn, cuid gu beatha shìorraidh, agus cuid gu nàire agus masladh bith-bhuan.

Leabhar ginealach Iosa Crìosd, mhic Dhaibhidh mhic Abrahàim.

Bidh e mòr, agus goirear Mac an Tì as ro‑àirde dheth; agus bheir an Tighearna Dia dha rìgh-chathair a athar fhèin Daibhidh.

Agus air dha tòiseachadh o Mhaois, agus o na fàidhean uile, dh’eadar-mhìnich e dhaibh anns na sgriobtairean uile na nithean ma thimcheall fhèin.

Oir an dèidh do Dhaibhidh a ghinealach fhèin a riarachadh a rèir toil Dhè, chaidil e, agus chuireadh e a‑chum a athraichean, agus chunnaic e truaillidheachd:

Air an adhbhar sin air dha a bhith na fhàidh, agus fiosrach gun do mhionnaich Dia le mionnan dha, de thoradh a leasraidh, a rèir na feòla, gun togadh e suas Crìosd, gu suidhe air a rìgh-chathair-san:

Feuch, tha mi a’ labhairt nì diamhair ribh; cha chaidil sinn uile, ach caochlaidhear sinn uile,

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, caidlidh tusa maille rid athraichean; agus èiridh an sluagh seo suas, agus thèid iad le strìopachas an dèidh diathan na tìre coimhich sin da bheil iad a’ dol a‑steach gu fantainn na meadhon, agus trèigidh iad mise, agus brisidh iad mo choicheangal a rinn mi riu.

Oir ma chreideas sinn gun d’fhuair Iosa bàs, agus gun d’èirich e a‑rìs, amhail sin mar an ceudna an dream a chaidil ann an Iosa, bheir Dia maille ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan