Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 7:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a shuidh an rìgh na thaigh, agus a thug an Tighearna fois dha o a naimhdean uile mun cuairt,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Hiram rìgh Thìruis teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus fiodh seudair, agus saoir, agus clachairean; agus thog iad taigh do Dhaibhidh.

Agus cha robh duine-cloinne aig Michal nighean Shauil gu là a bàis.

Agus on àm anns an d’àithn mi britheamhan a bhith os cionn mo shluaigh Israel: agus bheir mi dhut fois od naimhdean gu lèir. Mar an ceudna tha an Tighearna ag innse dhut gun dèan an Tighearna taigh dhut.

Ach a‑nis thug an Tighearna mo Dhia fois dhòmhsa air gach taobh: chan eil nàmhaid air bith ann, no droch thuiteamas.

Agus ghairm e air Solamh a mhac, agus dh’àithn e dha taigh a thogail don Tighearna Dia Israeil.

Agus thubhairt Daibhidh ri Solamh, A mhic, air mo shon-sa dheth, bha ann am aire taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia:

An sin sheas Daibhidh an rìgh suas air a chasan, agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, mo bhràithrean, agus mo shluagh: Bha e agamsa ann am chridhe taigh-còmhnaidh a thogail do àirc coicheangal an Tighearna, agus do stòl-chas ar Dè‑ne, agus dh’ullaich mi fa chomhair na h‑obrach:

Agus thog e bailtean daingnichte ann an Iùdah: oir bha an tìr sìochail, agus cha robh cogadh aige anns na bliadhnachan sin; oir thug an Tighearna fois dha.

Agus bha rìoghachd Iehosaphait sàmhach; oir thug a Dhia fois dha air gach taobh.

Gus am faigh mi àite don Tighearna, ionad-còmhnaidh do Dhia treun Iàcoib.

Gràdhaichidh mi thu, a Thighearna mo neart.

Nuair a ghabhas an Tighearna tlachd ann an slighean duine, bheir e air a naimhdean fhèin a bhith ann an sìth ris.

Agus dh’imich esan a fhuair na còig tàlannan, agus rinn e ceannachd leo, agus bhuannaich e còig tàlannan eile.

Neach a fhuair deagh-ghean am fianais Dhè, agus a dh’iarr pàillean fhaotainn do Dhia Iàcoib.

Agus thug an Tighearna dhaibh fois mun cuairt, a rèir nan uile nithean a mhionnaich e dan athraichean; agus cha do sheas duine den naimhdean uile romhpa; thug an Tighearna thairis an naimhdean uile dan làimh.

Agus an ceann ùine fhada, an dèidh don Tighearna fois a thoirt do Israel on naimhdean uile mun cuairt, dh’fhàs Iosua sean, agus thàinig e air aghaidh ann am bliadhnachan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan