Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 6:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha eagal air Daibhidh ron Tighearna air an là sin, agus thubhairt e, Cionnas a thig àirc an Tighearna am ionnsaigh-sa?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus bha doilgheas air Daibhidh, do bhrìgh gun do rinn an Tighearna briseadh air Usah: agus thug e Peres-usah mar ainm air an àite sin gu ruig an là‑an‑diugh.

Ach an gabh Dia da‑rìribh còmhnaidh air an talamh? Feuch, cha chùm na nèamhan agus nèamhan nan nèamh thusa; cia mòr as lugha na sin an taigh seo a thog mise?

Chriothnaich m’fheòil le uamhann romhad, agus bha eagal orm rod bhreitheanais.

Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh.

Agus air dhomh a bhith fo eagal, chaidh mi agus dh’fhalaich mi do thàlann anns an talamh: feuch, sin agad do chuid fhèin.

Amhail a thug Sàrah ùmhlachd do Abrahàm, a’ gairm tighearna dheth: don nigheanan sibhse am feadh a nì sibh gu math, agus gun gheilt oirbh le uamhas sam bith,

Agus thubhairt daoine Bhet-semeis, Cò as urrainn seasamh an làthair an Tighearna, an Dia naomh seo? Agus cò a dh’ionnsaigh an tèid i suas uainne?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan