Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 6:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Usah, agus bhuail Dia an sin e airson a dhànadais; agus fhuair e bàs an sin làimh ri àirc Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus bha doilgheas air Daibhidh, do bhrìgh gun do rinn an Tighearna briseadh air Usah: agus thug e Peres-usah mar ainm air an àite sin gu ruig an là‑an‑diugh.

Agus las fearg an Tighearna an aghaidh Usa, agus bhuail e e, a chionn gun do chuir e a làmh ris an àirc: agus dh’eug e an sin an làthair Dhè.

Oir a chionn nach robh sibh a làthair roimhe, rinn an Tighearna ar Dia briseadh oirnn, do bhrìgh nach d’iarr sinn e air mhodh dligheach.

An sin thubhairt Daibhidh, Cha chòir do neach air bith àirc Dhè iomchar, ach do na Lèbhithich: oir iadsan roghnaich an Tighearna gu àirc Dhè iomchar, agus gu frithealadh dha gu bràth.

Agus nuair a bhios am pàillean gu dol air aghaidh, leagaidh na Lèbhithich a‑nuas e: agus nuair a bhios am pàillean ra shuidheachadh, togaidh na Lèbhithich suas e: agus cuirear an coigreach a thig am fagas gu bàs.

Agus crìochnaichidh Aaron agus a mhic còmhdach an ionaid naoimh, agus uile shoithichean an ionaid naoimh, nuair a bhios an camp gu dol air aghaidh; agus an dèidh sin thig mic Chohait gan giùlan: ach cha bhean iad ri nì naomh sam bith, air eagal gum bàsaich iad. Is iad na nithean sin eallach mic Chohait ann am pàillean a’ choitheanail.

Agus mu thimcheall deich làithean na dhèidh sin bhuail an Tighearna Nàbel, agus fhuair e bàs.

Ach bhuail e daoine Bhet-semeis, a chionn gun do sheall iad air àirc an Tighearna; bhuail e eadhon den t‑sluagh trì-fichead agus deichnear fhear: agus rinn an sluagh caoidh, do bhrìgh gun do bhuail an Tighearna cuid den t‑sluagh le plàigh mhòir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan