Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 6:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig iad gu ùrlar-bualaidh Nachoin, chuir Usah a‑mach a làmh a dh’ionnsaigh àirc Dhè, agus ghabh e greim dhith: oir chuir na daimh air chrith i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig iad gu ùrlar-bualaidh Ataid, a tha an taobh thall de Iòrdan; agus rinn iad bròn an sin le caoidh mhòir agus ro‑chràitich: agus rinn e bròn airson a athar seachd làithean.

Agus nuair a thàinig iad gu ùrlar-bualaidh Chidoin, chuir Usa a‑mach a làmh a ghabhail greim den àirc, oir chuir na daimh air chrith i.

Agus crìochnaichidh Aaron agus a mhic còmhdach an ionaid naoimh, agus uile shoithichean an ionaid naoimh, nuair a bhios an camp gu dol air aghaidh; agus an dèidh sin thig mic Chohait gan giùlan: ach cha bhean iad ri nì naomh sam bith, air eagal gum bàsaich iad. Is iad na nithean sin eallach mic Chohait ann am pàillean a’ choitheanail.

Na gearraibh as treubh teaghlaichean nan Cohatach o mheasg nan Lèbhitheach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan