Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 6:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh mi fhathast nas tàireile na seo, agus bidh mi ìosal am shùilean fhèin; agus aig na banoglaich mun do labhair thu, acasan gheibh mi urram.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Chan airidh mi air a’ chuid as lugha de na tròcairean sin uile, no den fhìrinn sin uile, a nochd thu dod sheirbhiseach; oir lem luirg thàinig mi thar an Iòrdan seo, agus tha mi a‑nis am dhà bhuidhinn.

Agus thubhairt Daibhidh ri Michal, Is ann a bha e am fianais an Tighearna, a thagh mise rod athair, agus ro a thaigh uile, a‑chum m’òrdachadh am cheannard air sluagh an Tighearna, air Israel: uime sin chluich mise am fianais an Tighearna.

Agus cha robh duine-cloinne aig Michal nighean Shauil gu là a bàis.

Feuch, tha mi gràineil; ciod a fhreagras mi dhut? Cuiridh mi mo làmh air mo bheul.

Uime sin gabhaidh mi gràin dhìom fhèin, agus nì mi aithreachas ann an duslach agus ann an luaithre.

A Thighearna, chan eil mo chridhe uaibhreach, no mo shùilean àrd, agus cha do ghabh mi gnothach ri nithean mòra, no ri nithean a bha àrd air mo shon.

Thug mi mo dhruim don luchd-bualaidh, agus mo ghiallan dhaibhsan a spìon am fìonna; cha d’fhalaich mi mo ghnùis o nàire agus o shile.

Eisdibh rium, sibhse a tha eòlach air fìreantachd, a shluagh aig a bheil mo lagh nur cridhe; na biodh eagal oirbh ro mhasladh dhaoine, agus na gabhaibh geilt ron càineadh.

Agus air do Pheadar a bhith shìos anns an talla, thàinig aon de bhanoglaich an àrd-shagairt:

Is fìor an ràdh seo, agus is airidh e air gach aon chor air gabhail ris, gun tàinig Iosa Crìosd don t‑saoghal a thèarnadh pheacach, dem mise an ciad-fhear.

Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.

Ma mhaslaichear sibh airson ainm Chrìosd, is sona sibh; oir tha Spiorad na glòire agus Dhè a’ gabhail còmhnaidh oirbh; dan taobh-san gu deimhinn tha e a’ faotainn toibheim, ach dur taobh-se tha e air a ghlòrachadh.

Uime sin irioslaichibh sibh fhèin fo làimh chumhachdaich Dhè, a‑chum is gun àrdaich e sibh ann an àm iomchaidh:

Uime sin tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thubhairt mi gu deimhinn gun gluaiseadh do thaigh-sa agus taigh d’athar am fhianais gu bràth: ach a‑nis tha an Tighearna ag ràdh, Guma fada sin uamsa; oir dhaibhsan a bheir urram dhòmhsa bheir mise urram, agus iadsan a nì tàir ormsa, is beag am meas a bhios dhiubh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan