2 Samuel 6:20Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thill Daibhidh a bheannachadh a theaghlaich: agus thàinig Michal nighean Shauil a‑mach an coinneamh Dhaibhidh, agus thubhairt i, Cia urramach a bha rìgh Israeil an‑diugh, a rùisg e fhèin an‑diugh ann an sùilean banoglaich a sheirbhiseach, mar a rùisgeas aon de na daoine aotrom e fhèin! Faic an caibideil |
Agus ma mheasar e olc leibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna, roghnaichibh an‑diugh cò don dèan sibh seirbhis; an ann do na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis, a bha air taobh thall na h‑aibhne, no do dhiathan nan Amorach, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nan tìr: ach air mo shon-sa, agus airson mo thaighe, nì sinne seirbhis don Tighearna.