Agus nuair a chuir Daibhidh crìoch air ìobairtean-loisgte a thoirt suas, agus ìobairtean-sìthe, bheannaich e an sluagh ann an ainm Tighearna nan sluagh.
Agus roinn e air an t‑sluagh uile, eadhon air uile cho-chruinneachadh Israeil, eadar fhir agus mhnathan, do gach neach breacag arain, agus mìr math feòla, agus cupan fìona: agus dh’fhalbh an sluagh uile, gach neach da thaigh fhèin.
Agus nuair a chuir Daibhidh crìoch air na h‑ìobairtean-loisgte a thoirt suas, agus na h‑ìobairtean-sìth, bheannaich e an sluagh ann an ainm an Tighearna.
An sin dh’èirich na sagartan agus na Lèbhithich, agus bheannaich iad an sluagh: agus chuala Dia an guth, agus thàinig an ùrnaigh suas da àite-còmhnaidh naomh-san, do nèamh.
Air do Dhia a Mhac Iosa a thogail suas, chuir e dur n‑ionnsaigh-se e air tùs, a‑chum gum beannaicheadh e sibh, leis gach aon agaibh iompachadh o ur lochdan.