Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 6:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug iad a‑steach àirc an Tighearna, agus chuir iad suas i na h‑àite, ann am meadhon a’ phàillein a shuidhich Daibhidh air a son: agus thug Daibhidh suas ìobairtean-loisgte am fianais an Tighearna, agus ìobairtean-sìthe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus bha rìgh Solamh, agus coitheanal Israeil uile, a thionail da ionnsaigh, maille ris ron àirc ag ìobradh chaorach, agus cruidh, nach robh e an comas àireamh, no a mheas, a‑thaobh lìonmhorachd.

Agus rinn Daibhidh dha fhèin taighean ann am baile Dhaibhidh, agus dh’ullaich e àite do àirc Dhè, agus shuidhich e bùth dhi.

Agus chruinnich Daibhidh Israel uile an ceann a chèile gu Ierusalem, gu àirc an Tighearna a thoirt suas a dh’ionnsaigh a h‑àite, a dh’ullaich e air a son.

Agus thug iad a‑steach àirc Dhè, agus chuir iad i ann am meadhon a’ bhùtha a shuidhich Daibhidh air a son: agus thug iad seachad ìobairtean-loisgte agus ìobairtean-sìth am fianais Dhè.

Agus is iad sin iadsan a chuir Daibhidh os cionn seirbhis a’ chiùil ann an taigh an Tighearna an dèidh don àirc fois fhaghail.

Ach àirc Dhè thug Daibhidh a‑nìos o Chiriat-iearim don àit a dh’ullaich Daibhidh dhi; oir shuidhich e pàillean air a son ann an Ierusalem.

Agus dh’ìobair rìgh Solamh, agus coitheanal Israeil uile a chruinnich da ionnsaigh ron àirc, caoraich agus crodh, nach robh e an comas àireamh no a mheas, a‑thaobh lìonmhorachd.

Eirich, a Thighearna, gud thàmh, thu fhèin agus àirc do neirt.

Agus bheir e seachad cuid de ìobairt nan tabhartas-sìthe, mar thabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna; a shaill agus an t‑earball uile, teann air a’ chnàimh-dhroma bheir e air falbh e; agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t‑saill uile a tha air a’ mhionach,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan