Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 6:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dhanns Daibhidh le a uile neart am fianais an Tighearna, agus bha Daibhidh crioslaichte le èphod lìn-aodaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus thug Daibhidh agus uile thaigh Israeil a‑nìos àirc an Tighearna le iolaich, agus le fuaim trompaide.

Agus thill Daibhidh a bheannachadh a theaghlaich: agus thàinig Michal nighean Shauil a‑mach an coinneamh Dhaibhidh, agus thubhairt i, Cia urramach a bha rìgh Israeil an‑diugh, a rùisg e fhèin an‑diugh ann an sùilean banoglaich a sheirbhiseach, mar a rùisgeas aon de na daoine aotrom e fhèin!

Agus bha Daibhidh sgeadaichte le fallaing de anart grinn, agus na Lèbhithich uile a bha a’ giùlan na h‑àirce, agus an luchd-ciùil, agus Chenaniah, an t‑àrd fhear-seinn, am measg an luchd-ciùil: air Daibhidh mar an ceudna bha èphod anairt.

Moladh iad a ainm anns an dannsa; le tiompan agus le clàrsaich seinneadh iad dha.

Molaibh e le tiompan agus dannsa; molaibh e le innealan-ciùil nan teud agus le organ.

Thionndaidh thu dhòmhsa mo bhròn gu dannsa; chuir thu dhìom m’aodach-saic, agus chrioslaich thu mi le aoibhneas;

Bidh araon luchd-seinn agus luchd-ciùil an sin; tha mo thobraichean uile annadsa.

Agus ghlac Miriam a’ bhan-fhàidh, piuthar Aaroin, tiompan na làimh; agus chaidh na mnathan uile a‑mach na dèidh le tiompanan agus le dannsa.

Agus fhreagair Miriam iad, Canaibh don Tighearna, oir thug e buaidh gu glòrmhor; an t‑each agus a mharcach thilg e anns an fhairge.

Agus bidh sibh dhòmhsa nur rìoghachd shagart, agus nur cinneach naomh. Is iad sin na briathran a labhras tu ri cloinn Israeil.

Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.

Agus thèid an t‑uachdaran a‑steach nam meadhon nuair a thèid iad a‑steach; agus nuair a thèid iad a‑mach, thèid e a‑mach.

A‑nis bha a mhac a bu shine a‑muigh anns an fhearann: agus nuair a thàinig e, agus a thàr e am fagas don taigh, chuala e an ceòl agus an dannsa.

Agus gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile neart.

Agus ge bè air bith nì a nì sibh, dèanaibh o ur cridhe e, mar don Tighearna, agus chan ann do dhaoine;

Agus thàinig Iephtah gu Mispeh da thaigh, agus, feuch, thàinig a nighean a‑mach na choinneamh le tiompanan agus le dannsan, agus b’i a aon leanabh-cloinne i: cha robh aige mac no nighean ach i.

Agus seallaibh, agus, feuch, ma thig nigheanan Shiloh a‑mach a dhannsa ann an dannsan, an sin thigibh-se a‑mach as na fìonliosan, agus glacaibh gach fear dhibh a bhean de nigheanan Shiloh, agus rachaibh gu tìr Bheniàmin.

Ach fhritheil Samuel an làthair an Tighearna, agus e na leanabh, air a chrioslachadh le èphod de lìon-aodach.

Agus an do thagh mi e à treubhan Israeil uile gu bhith na shagart agam, a dh’ìobradh air m’altair, a losgadh tùis, a dh’iomchar èphoid am fhianais? Agus an tug mi do thaigh d’athar na tabhartasan uile a bheirear suas le teine le cloinn Israeil?

Agus thubhairt an rìgh ri Doeg, Tionndaidh thusa, agus buail air na sagartan. Agus thionndaidh Doeg an t‑Edomach, agus bhuail e air na sagartan; agus mharbh e air an là sin ceithir-fichead agus còig fir a dh’iomchair èphod de lìon-aodach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan