Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 6:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a dh’imich iadsan a ghiùlain àirc an Tighearna sia ceuman, dh’ìobair e tairbh agus beathaichean reamhar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus bha rìgh Solamh, agus coitheanal Israeil uile, a thionail da ionnsaigh, maille ris ron àirc ag ìobradh chaorach, agus cruidh, nach robh e an comas àireamh, no a mheas, a‑thaobh lìonmhorachd.

Agus ghiùlain mic nan Lèbhitheach àirc Dhè air an guaillean, leis na lunnan orra, mar a dh’àithn Maois a rèir facal an Tighearna.

An sin thubhairt Daibhidh, Cha chòir do neach air bith àirc Dhè iomchar, ach do na Lèbhithich: oir iadsan roghnaich an Tighearna gu àirc Dhè iomchar, agus gu frithealadh dha gu bràth.

Agus dh’ìobair rìgh Solamh, agus coitheanal Israeil uile a chruinnich da ionnsaigh ron àirc, caoraich agus crodh, nach robh e an comas àireamh no a mheas, a‑thaobh lìonmhorachd.

Agus crìochnaichidh Aaron agus a mhic còmhdach an ionaid naoimh, agus uile shoithichean an ionaid naoimh, nuair a bhios an camp gu dol air aghaidh; agus an dèidh sin thig mic Chohait gan giùlan: ach cha bhean iad ri nì naomh sam bith, air eagal gum bàsaich iad. Is iad na nithean sin eallach mic Chohait ann am pàillean a’ choitheanail.

Ach do mhic Chohait cha tug e aon air bith; a chionn gum b’i seirbhis an ionaid naoimh a bhuineadh dhaibh-san, gun giùlaineadh iad air an guaillean.

A‑rìs, chuir e dan ionnsaigh seirbhisich eile, ag ràdh, Abraibh-se ris a’ mhuinntir don tugadh cuireadh, Feuch, dheasaich mi mo dhìnnear: tha mo dhaimh agus mo sprèidh bhiadhte air am marbhadh, agus tha na h‑uile nithean ullamh; thigibh a‑chum na bainnse.

Agus dh’àithn iad don t‑sluagh, ag ràdh, Nuair a chì sibh àirc coicheangal an Tighearna ur Dia, agus na sagartan, na Lèbhithich, ga giùlan, an sin gluaisidh sibh o ur n‑àite, agus thèid sibh na dèidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan