Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 6:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’innseadh do rìgh Daibhidh, ag ràdh, Bheannaich an Tighearna taigh Obed-edoim, agus gach nì a bhuineas dha, airson àirc Dhè. Uime sin dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e a‑nìos àirc Dhè à taigh Obed-edoim gu baile Dhaibhidh le gàirdeachas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Gidheadh, ghlac Daibhidh daingneach Shioin: is e sin baile Dhaibhidh.

An sin chruinnich Solamh seanairean Israeil, agus cinn nan treubh uile, ceannardan athraichean chloinn Israeil, gu rìgh Solamh ann an Ierusalem, a‑chum gun tugadh iad a‑nìos àirc coicheangal an Tighearna à baile Dhaibhidh; is e sin Sion.

Agus thàinig uile sheanairean Israeil, agus thog na sagartan an àirc.

Agus thug iad suas àirc an Tighearna, agus pàillean a’ choitheanail, agus an t‑uidheam naomh uile a bha anns a’ phàillean; eadhon iad sin thug na sagartan agus na Lèbhithich suas.

Agus ghiùlain mic nan Lèbhitheach àirc Dhè air an guaillean, leis na lunnan orra, mar a dh’àithn Maois a rèir facal an Tighearna.

Mar sin chaidh Daibhidh agus seanairean Israeil, agus na ceannardan mhìltean, a thoirt suas àirc coicheangal an Tighearna à taigh Obed-edoim le aoibhneas.

A rinn e ri Abrahàm, agus a mhionnan do Isaac:

Agus mic Obed-edoim: Semaiah an ciad-ghin, Iehosabad an dara, Ioah an treasa, agus Sacar an ceathramh, agus Netaneel an còigeamh,

Amiel an siathamh, Isachar an seachdamh, Peultai an t‑ochdamh: oir bheannaich Dia e.

An sin chruinnich Solamh seanairean Israeil, agus cinn nan treubh uile, ceannardan athraichean chloinn Israeil, gu Ierusalem, a‑chum gun tugadh iad a‑nìos àirc coicheangal an Tighearna à baile Dhaibhidh, as e Sion.

Agus ge bè a bheir cupan de uisge fuar a‑mhàin ra òl do aon den mhuinntir bhig seo, an ainm deisciobail, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e air chor sam bith a dhuais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan