Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 6:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cha b’àill le Daibhidh àirc an Tighearna a thionndadh da ionnsaigh fhèin gu baile Dhaibhidh: ach thug Daibhidh a lethtaobh i gu taigh Obed-edoim an Giteach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an rìgh ri Itai an Giteach, Carson a tha thusa mar an ceudna a’ dol maille rinne? Till gud àite, agus fan maille ris an rìgh; oir is coigreach thu, agus mar an ceudna fògarrach od àite fhèin.

Agus chuir Daibhidh a‑mach trian den t‑sluagh fo làimh Ioaib, agus trian fo làimh Abisai mhic Sheruiah, bràthair Ioaib, agus trian fo làimh Itai an Giteach: agus thubhairt an rìgh ris an t‑sluagh, Gu deimhinn thèid mi fhèin mar an ceudna a‑mach maille ribh.

Agus theich na Beerotaich gu Gitaim, agus tha iad nan luchd-cuairt an sin gu ruig an là‑an‑diugh:)

Gidheadh, ghlac Daibhidh daingneach Shioin: is e sin baile Dhaibhidh.

Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh anns an daingneach, agus thug e Baile Dhaibhidh mar ainm air; agus thog Daibhidh aitreabh mun cuairt, o Mhilo agus air an taobh a‑staigh.

Agus maille riu am bràithrean den dara ceum, Sechariah, Ben, agus Iaasiel, agus Semiramot, agus Iehiel, agus Uni, Eliab, agus Benaiah agus Maaseiah, agus Matitiah, agus Elipheleh, agus Micneiah, agus Obed-edom, agus Ieiel, na dorsairean.

Agus bha Sebaniah, agus Iehosaphat, agus Netaneel, agus Amasai, agus Sechariah, agus Benaiah, agus Elièser na sagartan, a’ sèideadh leis na trompaidean ro àirc Dhè: agus bha Obed-edom agus Iehiah nan luchd-gleidhidh doras na h‑àirce.

Aspah an ceann, agus na dhèidh-san Sechariah, an sin Ieiel, agus Semiramot, agus Ieheil, agus Matitiah, agus Eliab, agus Benaiah, agus Obed-edom; agus Ieiel le saltairean agus clàrsaichean; agus Asaph le ciombalan a’ dèanamh fuaim:

Agus Iehud, agus Bene-berac, agus Gat-rimon,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan