Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh anns an daingneach, agus thug e Baile Dhaibhidh mar ainm air; agus thog Daibhidh aitreabh mun cuairt, o Mhilo agus air an taobh a‑staigh.
Agus thubhairt Daibhidh air an là sin, Ge bè neach a ruigeas a’ chlais-uisge, agus a bhuaileas na h‑Iebusaich, agus na bacaich, agus na doill, air a bheil fuath aig anam Dhaibhidh, bidh esan na cheannard: uime sin thubhairt iad, Cha tig an dall agus am bacach a‑steach don taigh.
Agus cha b’àill le Daibhidh àirc an Tighearna a thionndadh da ionnsaigh fhèin gu baile Dhaibhidh: ach thug Daibhidh a lethtaobh i gu taigh Obed-edoim an Giteach.
Agus is e seo adhbhar na cìse a thog rìgh Solamh a thogail taigh an Tighearna, agus a thaighe fhèin, agus Mhilo, agus balla Ierusaleim, agus Hasoir, agus Mhegido, agus Ghèseir.
Oir bhuail Iosachar mac Shimeat, agus Iehosabad mac Shomair a sheirbhisich, e, agus fhuair e bàs; agus dh’adhlaic iad e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Amasiah a mhac na àite.
Agus dhaingnich e e fhèin, agus thog e am balla uile a chaidh a bhriseadh, agus chuir e suas tùir air, agus balla eile air an taobh a‑muigh, agus dhaingnich e Milo, baile Dhaibhidh, agus rinn e gathan agus targaidean ann am pailteas.
Ach geata an tobair chàraich Salum mac Chol-hoseh, fear-riaghlaidh roinn Mhispah: thog e e, agus chuir e dìon air, agus chuir e suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn, agus balla lochan Shiloah làimh ri lios an rìgh, agus gu ruig na ceuman a’ dol sìos o bhaile Dhaibhidh.
Ach mura do rinn sibh mar sin, thigeadh teine a‑mach o Abimelech, agus loisgeadh e maithean Shecheim, agus taigh Mhilo; agus thigeadh teine a‑mach o mhaithean Shecheim, agus o thaigh Mhilo, agus loisgeadh e Abimelech.
Agus chruinnich maithean Shecheim uile ri chèile, agus taigh Mhilo uile, agus chaidh iad agus rinn iad Abimelech na rìgh, làimh ri còmhnard a’ charraigh a bha ann an Sechem.