Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 5:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’imich an rìgh agus a dhaoine gu Ierusalem, a dh’ionnsaigh nan Iebusach, luchd-àiteachaidh na tìre, a labhair ri Daibhidh, ag ràdh, Cha tig thu a‑steach an seo mura toir thu air falbh na doill agus na bacaich; ag ràdh, Cha tig Daibhidh a‑steach an seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thug Melchisedec rìgh Shàleim a‑mach aran agus fìon: agus b’esan sagart an Dè as ro‑àirde.

Oir leatsa ruith mi tro bhuidhinn: lem Dhia leum mi thar balla.

Do chathair nan daoine treuna sreapaidh an duine glic, agus leagaidh e sìos neart a h‑earbsa.

Feuch, tha mise ad aghaidh, O thusa a tha a chòmhnaidh anns a’ ghleann, air carraig a’ chòmhnaird, deir an Tighearna; sibhse a tha ag ràdh, Cò a thig a‑nuas nar n‑aghaidh? No cò a thig a‑steach dar n‑ionadan-còmhnaidh?

Oir ged bhuaileadh sibh uile fheachd nan Caldèanach a tha a’ cogadh nur n‑aghaidh, agus nach maireadh nam measg ach daoine leònte, gach aon na bhùth, dh’èireadh iad sin fhèin suas, agus loisgeadh iad a’ chathair seo le teine.

Oir b’e am Melchisedec seo rìgh Shàleim, sagart an Dè as ro‑àirde, neach a choinnich Abrahàm a’ tilleadh o àr nan rìghrean, agus a bheannaich e;

Uime sin chuir Adoni-sedec, rìgh Ierusaleim, fios gu Hoham rìgh Hebroin, agus gu Piram rìgh Iarmuit, agus gu Iaphia rìgh Lachis, agus gu Debir rìgh Egloin, ag ràdh,

A‑thaobh nan Iebusach, luchd-àiteachaidh Ierusaleim, cha b’urrainn clann Iùdah am fògradh a‑mach: ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Iùdah ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.

Agus Selah, Eleph, agus Iebusi (is e sin Ierusalem), Gibeat, agus Ciriat: ceithir mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga. B’i sin oighreachd chloinn Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean.

Agus cha do chuir clann Bheniàmin a‑mach na h‑Iebusaich a bha nan còmhnaidh ann an Ierusalem; ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Bheniàmin ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.

A‑nis chog clann Iùdah an aghaidh Ierusaleim, agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus chuir iad am baile ri theine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan