Agus bha Iòseph deich-bliadhna-fichead a dh’aois nuair a sheas e am fianais Phàraoh rìgh na h‑Eiphit: agus chaidh Iòseph a‑mach o làthair Phàraoh, agus chaidh e tro thìr na h‑Eiphit uile.
Agus b’iad na làithean a rìghich Daibhidh os cionn Israeil dà‑fhichead bliadhna: ann an Hebron rìghich e seachd bliadhna, agus ann an Ierusalem rìghich e trì-bliadhna-deug ar fhichead.
De na Hebronaich, b’e Ieriah ceann nan Hebronach a rèir ginealaichean a athraichean. Anns an dà‑fhicheadamh bliadhna de rìoghachadh Dhaibhidh dh’iarradh iad, agus fhuaireadh nam measg daoine treuna ann an Iaser Ghilead.
Agus b’i an ùine a rìghich e os cionn Israeil dà‑fhichead bliadhna: ann an Hebron rìghich e seachd bliadhna, agus ann an Ierusalem rìghich e trì-bliadhna-deug ar fhichead.
Rugadh an t‑sianar sin dha ann an Hebron; agus ann an sin rìghich e seachd bliadhna agus sia mìosan: agus ann an Ierusalem rìghich e trì-bliadhna-deug ar fhichead.
O dheich-bliadhna-fichead a dh’aois agus os a chionn, eadhon gu leth-cheud bliadhna a dh’aois, gach neach a thèid a‑steach don armailt, a dhèanamh na h‑obrach ann am pàillean a’ choitheanail.
Agus thòisich Iosa fhèin air a bhith mu thimcheall deich-bliadhna-fichead a dh’aois, air dha a bhith (a rèir barail dhaoine) na mhac do Iòseph, mac Heli,