Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 5:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhàg iad an sin an dealbhan, agus loisg Daibhidh agus a dhaoine iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thilg iad an diathan anns an teine; oir cha bu diathan iad, ach obair làmhan duine, fiodh agus clach; uime sin sgrios iadsan iad.

Agus fadaidh mise teine ann an taighean diathan na h‑Eiphit; agus loisgidh esan iad, agus bheir e air falbh nam braighdean iad, agus èididh e e fhèin le tìr na h‑Eiphit, mar a dh’èideas buachaille e fhèin le a thrusgan; agus thèid e a‑mach as a sin ann an sìth.

Oir a chionn gun d’earb thu à do mhaoin, agus à d’ionmhasan, air an adhbhar sin bidh tu fhèin fòs air do ghlacadh: agus thèid Chemos air falbh ann am braighdeanas, a shagartan agus a uachdarain maille ris.

Agus bheir e fòs nam braighdean don Eiphit an diathan, maille rim prionnsachan, agus rin soithichean luachmhor airgid agus òir; agus buanaichidh e tuilleadh bhliadhnachan na rìgh na h‑àird a tuath.

Dealbhan snaidhte an diathan loisgidh sibh le teine: cha mhiannaich thu an t‑airgead no an t‑òr a tha orra, cha mhò a ghabhas tu e dhut fhèin, air eagal gun ribear thu leis: oir is gràinealachd e don Tighearna do Dhia.

Ach mar seo buinidh sibh riu: sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan, agus loisgidh sibh an coslais shnaidhte le teine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan