Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 5:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig Daibhidh gu Bàal-perasim, agus bhuail Daibhidh iad an sin, agus thubhairt e, Bhris an Tighearna o chèile mo naimhdean am fhianais, mar bhriseadh uisgeachan. Uime sin thug e Bàal-perasim mar ainm air an àite sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus bha an sluagh uile ri connsachadh air feadh uile threubhan Israeil, ag ràdh, Theasairg an rìgh sinn à làimh ar naimhdean, agus shaor e sinn à làimh nam Philisteach, agus a‑nis tha e air teicheadh as an tìr ro Absalom.

Agus thàinig iad gu Bàal-perasim; agus bhuail Daibhidh an sin iad. Agus thubhairt Daibhidh, Bhris Dia mo naimhdean o chèile lem làimh-sa, mar bhriseadh uisgeachan: uime sin thug iad Bàal-perasim mar ainm air an àite sin.

A Dhè, thilg thu uat sinn, sgap thu sinn, bha fearg ort. O till thusa rinn!

Oir èiridh an Tighearna suas, mar ann an sliabh Pherasim, bidh corraich air mar ann an gleann Ghibeoin; a‑chum gun coilean e a obair fhèin, obair neo-ghnàthach; agus gun dèan e a ghnìomh fhèin, a ghnìomh coimheach.

Chaidh thu a‑mach airson tèarnadh do shluaigh, airson tèarnadh do mhuinntir ungte: bhuail thu an ceann o thaigh an aingidh; leig thu ris na bunaitean gu ruig a’ mhuineil. Selah.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan