Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 5:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar an ceudna roimhe seo, nuair a bha Saul na rìgh os ar cionn, bu tusa an tì a threòraich a‑mach agus a thug a‑steach Israel: agus thubhairt an Tighearna riut, Beathaichidh tu mo shluagh Israel, agus bidh tu ad cheannard air Israel.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Ach dh’fhan a bhogha na neart, agus rinneadh gàirdeanan a làmh làidir le làmhan Dia cumhachdach Iàcoib; (uaithe sin tha am buachaille, clach Israeil;)

Agus thubhairt Daibhidh ri Michal, Is ann a bha e am fianais an Tighearna, a thagh mise rod athair, agus ro a thaigh uile, a‑chum m’òrdachadh am cheannard air sluagh an Tighearna, air Israel: uime sin chluich mise am fianais an Tighearna.

Anns gach àite don d’imich mi maille ri cloinn Israeil uile, an do labhair mi facal ri aon air bith de bhritheamhan Israeil, don d’àithn mi mo shluagh Israel a bheathachadh, ag ràdh, Carson nach tog sibh dhòmhsa taigh seudair?

A‑nis uime sin, mar seo their thu rim sheirbhiseach Daibhidh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thug mise thu o mhainnir nan caorach, o bhith a’ leantainn nan caorach, gu bhith ann ad cheannard air mo shluagh, air Israel:

Till, agus abair ri Heseciah, ceannard mo shluaigh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, ag ràdh, Chuala mise d’ùrnaigh, chunnaic mi do dheòir: feuch, slànaichidh mi thu; air an treas là thèid thu suas do thaigh an Tighearna.

Agus a bhàrr air seo, anns an ùine a chaidh seachad, eadhon nuair a bha Saul na rìgh, bu tusa a threòraich a‑mach agus a thug a‑steach Israel; agus thubhairt an Tighearna do Dhia riut, Beathaichidh tusa mo shluagh Israel, agus bidh tu ad cheannard air mo shluagh Israel.

Thoir dhomh a‑nis gliocas agus eòlas, a‑chum gun tèid mi a‑mach agus gun tig mi a‑steach ron t‑sluagh seo: oir cò as urrainn breith a thabhairt air do shluagh seo a tha cho mòr?

Mar bhuachaille beathaichidh e a threud; le a ghàirdean cuartaichidh e na h‑uain, agus giùlainidh e iad na uchd; iomainidh e gu sèimh an sprèidh a tha trom le àl.

Feuch, thug mi esan mar fhianais do na cinnich, na cheann-iùil agus na uachdaran do na slòigh.

Agus cuiridh mi suas aon aodhair os an cionn, agus beathaichidh esan iad, eadhon mo sheirbhiseach Daibhidh; beathaichidh esan iad, agus bidh e dhaibh na aodhair.

Agus seasaidh e, agus ionaltraidh e a threud ann an neart an Tighearna; ann am mòrachd ainm an Tighearna a Dhia; agus bidh iadsan air an iompachadh: oir a‑nis bidh esan mòr gu ruig crìochan na talmhainn.

A thèid a‑mach romhpa, agus a thig a‑steach romhpa, agus a threòraicheas a‑mach iad, agus a bheir a‑steach iad; a‑chum nach bi co‑chruinneachadh an Tighearna mar chaoraich aig nach eil buachaille.

Agus thusa Bhetlehem ann an tìr Iùdah, cha tu idir as lugha am measg ceannardan Iùdah: oir asadsa thig Uachdaran a stiùras mo shluagh Israel.

Is mise am buachaille math: leigidh am buachaille math a anam sìos airson nan caorach.

Oir b’iomchaidh dhàsan, airson a bheil na h‑uile nithean, agus tre a bheil na h‑uile nithean, ann an tabhairt mòran mhac a‑chum glòire, ceannard an slàinte a dhèanamh foirfe tre fhulangais.

Ach a‑nis cha seas do rìoghachd: dh’iarr an Tighearna dha fhèin duine a rèir a chridhe fhèin, agus dh’àithn an Tighearna dha a bhith na cheannard air a shluagh, a chionn nach do ghlèidh thusa an nì a dh’àithn an Tighearna dhut.

Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Cia fhada a nì thu bròn airson Shauil, agus gun do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? Lìon do chòrn le ola, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi a‑mach am measg a chuid mhac rìgh dhomh fhèin.

Uime sin chuir Saul air falbh uaithe e, agus rinn e na cheannard dha fhèin os cionn mìle e; agus chaidh e a‑mach, agus thàinig e a‑steach ron t‑sluagh.

Ach ghràdhaich Israel uile agus Iùdah Daibhidh, do bhrìgh gun deachaidh e a‑mach agus gun tàinig e a‑steach romhpa.

Agus chaidh Daibhidh a‑mach gach taobh a chuir Saul e, agus ghiùlain e e fhèin gu glic: agus chuir Saul e os cionn nam fear-cogaidh; agus bha e taitneach ann an sùilean an t‑sluaigh uile, agus mar an ceudna ann an sùilean seirbhisich Shauil.

Maith, guidheam ort, cionta do bhanoglaich; oir nì an Tighearna gu cinnteach taigh seasmhach dom thighearna, do bhrìgh gu bheil mo thighearna a’ cur chathan an Tighearna, agus nach d’fhuaireadh olc annad o thùs do làithean.

Agus nuair a nì an Tighearna dom thighearna a rèir gach maith a labhair e mud thimcheall, agus a dh’òrdaicheas e thu ad uachdaran os cionn Israeil,

Mun àm seo a‑màireach cuiridh mi ad ionnsaigh duine à tìr Bheniàmin, agus ungaidh tu e na cheannard air mo shluagh Israel, agus saoraidh e mo shluagh à làimh nam Philisteach; oir dh’amhairc mi air mo shluagh, a chionn gun tàinig an glaodh am ionnsaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan