Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 5:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh Daibhidh dha fhèin tuilleadh choileabach agus bhan à Ierusalem, an dèidh dha teachd à Hebron: agus rugadh fhathast mic agus nigheanan do Dhaibhidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Aig an duine bheartach bha ro‑mhòran chaorach agus cruidh:

Agus thuig Daibhidh gun do dhaingnich an Tighearna e na rìgh air Israel, agus gun d’àrdaich e a rìoghachd airson a shluaigh Israel.

Agus bha seachd ceud bean aige, mar bhànrighinnean, agus trì cheud coileabach: agus thug a mhnathan air a chridhe claonadh.

A‑nis b’iad seo mic Dhaibhidh, a rugadh dha ann an Hebron: an ciad-ghin Amnon o Ahinoam a’ Bhan-Iesreelach: an dara mac, Daniel o Abigail a’ Bhan-Charmeleach:

B’iad sin mic Dhaibhidh uile a bhàrr air mic nan coileabach, agus Tàmar am piuthar.

Ach dh’fhàs Abiah cumhachdach, agus phòs e ceithir-mnathan-deug, agus ghin e dà mhac ar fhichead, agus sia-nigheanan-deug.

Cha mhò a chuireas e mnathan an lìonmhorachd dha fhèin, a‑chum nach claon a chridhe air falbh; cha mhò a mheudaicheas e gu mòr dha fhèin airgead agus òr.

Ghabh Daibhidh cuideachd Ahinoam o Iesreel; agus bha iad mar an ceudna le chèile nam mnathan aige.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan